Antioquia Támesis

‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis municipio) ann an Antioquia, Coloimbia, a th’ ann an Támesis.

Támesis
Antioquia Támesis Antioquia Támesis
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Antioquia Támesis
Sealladh air a' bhaile
Antioquia Támesis
Suidheachadh
Dùthaich Antioquia Támesis Coloimbia
Roinn Antioquia Támesis Antioquia
Àirde 1638m
Co-chomharran 05 39' 53' Tuath
75° 42' 52' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 245 km²
Àireamh-shluaigh 16,387 (2005)
Dlùths 66.89/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte aig 1,632m os cionn ìre na mara agus 110km air falbh bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 23˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1858. 'S ann gu math ainmeil 's a tha Támesis air feadh Antioquia o chionn 's gu bheil tèarmann thùsanach ann.

Sluagh a' bhaile

Tha 6,488 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 16,387 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Támesis, ach tha 0.8% dhe Tùsanaich agus 0.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.3% dhe na daoine ann an Támesis leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 40.4% nan dachaigh.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Támesis. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain

  • Betania
  • Buena Vista
  • Campo Alegre
  • Cartama
  • Cedeno
  • La Florida
  • El Guayabo
  • Líbano
  • La Mesa
  • Palermo
  • La Palmera
  • Pencil
  • San Antonio
  • San Pablo
  • Villa Luz

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Támesis

Tags:

Antioquia Támesis Sluagh a bhaileAntioquia Támesis FèiseanAntioquia Támesis ClachainAntioquia Támesis IomraidheanAntioquia Támesis Ceanglaichean A-machAntioquia Támesis1858Antioquia (Roinn)BaileColoimbiaMedellínSpàinntis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

CofaidhCalwAlascaJohn Horton Conway2003VirginiaÀiteachasCreideamhUTVBankendSvalbard4 am Màrt20 an t-Iuchar12Union List of Artist NamesChris PrattCanadaJohannes KeplerColaiste DartmouthAn Innd-InnseBaghdadBìorasBhiet-NamTwitterEarrann a' PhriairSileadh9/11A' Bheurla GhalldaBuidheann Cùmhnant an Atlantaig a TuathSocratesBliadhnaLCDTBeinn EòinQueen24 an GibleanEabhraig Nuadh (baile)Jeane Freeman1945Abhainn HebertKarl MarxACAlasdair UaibhreachVladimir PutinCatNoam ChomskyLeifur EiríkssonIain Eairdsidh MacAsgaillEdward DwellyDealan809Sasainn NuadhNua-libearalasIván DuquePearù1251Leabhar-eòlaisHoilmiumPàpa Beinidict XVI1942WikimediaÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichtePàpa Iain Pòl IAn Eaglais BhreacWizz Air745Cogadh Sìobhalta na SpàinneMeanbh-fhrìdeDNA18 an GibleanLeonhard EulerUilleam MacMhathain🡆 More