'S e neach-poileataigs agus ceannard na Phàrtaidh Libearal Deamocratach anns an Taigh nam Morairean a tha ann an Seumas Uallas, am Morair Uallas à Tankerness (Beurla: James Jim Robert Wallace).
Rugadh e 25 an Lùnastal 1954 ann an Inbhir Anainn. Dh'ionnsaich e eaconomachd agus lagh aig Oilthigh Chambridge agus lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh e na neach-tagraidh ann an 1979.
Ghabh e sam Pàrtaidh Libearalach ann an 1970an. Sheas e ann an Taghadh Coitcheann ann an 1979 airson Siorrachd Dhùn Phrìs. Bha e na Bhall Phàrlamaid airson Arcaibh agus Sealltainn eadar 1983 agus 2001, an dèidh do Jo Grimond.
Bha e na cheannard den Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba agus na Bhall Phàrlamaid na h-Alba airson Arcaibh. Bu e Leas-phrìomh Mhinistear bhon 1999 gu 2005 fo trì Prìomh-Mhinistearan: Dòmhnall Mac an Deòir, Eanraig Mac Gill-Iosa agus Seac MacChonnaill gu Uallas cuir an àite Nicol MacStèaphain ann an 2005.
Bha e na Àrd-neach-tagraidh airson Alba eadar 2010 agus 2015.
Chaidh a thaghadh mar mhodaratair Eaglais na h-Alba ann an Dàmhair 2020 is thèid a chur san dreuchd anns a' Chèitein 2021.
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005) • Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007) • Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014) • Iain MacShuibhne (làithreach o 21 an t-Samhain 2014)
Calum Brus (3 am Màirt 1988 gu 18 an Giblean 1992), Seumas Uallas (18 an Giblean 1992 gu 23 an t-Ògmhios 2005), Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 2 an t-Iuchar 2008), Tavish Scott (26 an Lùnastal 2008 gu 17 an Cèitean 2011), Willie Rennie (17 an Cèitean 2011) |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Seumas Uallas, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.