'S e neach-poileataigs Albannach, Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus ceannard a' Phàrtaidh Nàiseanta a tha ann an Nicola Ferguson Sturgeon, BPA (rugadh 19 an t-Iuchar 1970).
Mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba tha i a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.
Nicola Sturgeon | |||||||||||||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
6 dhen Chèitean 1999 - 31 dhen Mhàrt 2003 Sgìre: Glaschu Taghadh: Taghadh Albannach 1999
1 dhen Chèitean 2003 - 2 dhen Ghiblean 2007 Sgìre: Glaschu Taghadh: Taghadh Albannach 2003
3 dhen t-Sultain 2004 - 17 dhen Chèitean 2007 ← Iain MacShuibhne - Seac MacDhòmhnaill →
3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011 Sgìre: Glaschu - Baile a' Ghobhainn Taghadh: Taghadh Albannach 2007
17 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen t-Samhain 2014 ← Nicol MacSteaphain - Iain MacShuibhne →
17 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen Chèitean 2011 ← Andy Kerr (en)
5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016 Sgìre: Glaschu Taobh a Deas Taghadh: Taghadh Albannach 2011
19 dhen Chèitean 2011 - 5 dhen t-Sultain 2012
5 dhen t-Sultain 2012 - 19 dhen t-Samhain 2014 ← Ailig Neil - Keith Brown →
20 dhen t-Samhain 2014 - 28 dhen Mhàrt 2023 ← Ailig Salmond - Humza Yousaf →
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: Glaschu Taobh a Deas Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: Glaschu Taobh a Deas Taghadh: Taghadh Albannach 2021 | |||||||||||||||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||||||||||||||
Ainm slàn | Nicola Ferguson Sturgeon | ||||||||||||||||||||||||||
Breith | Irbhinn, 19 dhen Iuchar 1970 | ||||||||||||||||||||||||||
Dùthaich | Alba | ||||||||||||||||||||||||||
Àite-fuirich | Taigh Bhòid | ||||||||||||||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||||||||||||||
Màthair | Joan Sturgeon | ||||||||||||||||||||||||||
Cèile | Peter Murrell (en) | ||||||||||||||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||||||||||||||
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu Greenwood Academy (en) University of Glasgow School of Law (en) | ||||||||||||||||||||||||||
Cànain | Beurla | ||||||||||||||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus neach-lagha | ||||||||||||||||||||||||||
Duaisean a fhuaras | liosta
| ||||||||||||||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||||||||||||||
Creideamh | Eaglais na h-Alba | ||||||||||||||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | ||||||||||||||||||||||||||
firstminister.gov.scot |
Rugadh Nicola Sturgeon ann an Irbhinn, Siorrachd Àir, fhuair i a cuid sgoile aig Acadamaidh Greenwood, agus choisinn i ceum LLB (Urram) ann an lagh agus Dioplòma ann an Gnàthas Lagha aig Oilthigh Ghlaschu. Ro phoileataigs, bha i ag obair ’na neach-lagha aig Ionad Comhairle Lagha is Airgid ann an Druim a' Chapaill, Glaschu.
Tha i a' fuireach ann an Glaschu cuide ris an duine aice, Peter Murrell, a bha na àrd-oifigear gnìomha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Chaidh a taghadh mar bhall-pàrlamaid roinneil airson baile Ghlaschu ann an 1999. Riochdaich i Glaschu mar bhall liosta eadar 1999 is 2003 agus Glaschu Baile a' Ghobhainn mar bhall roinne-phàrlamaid eadar 2007 agus 2011 nuair a chaidh na crìochan taghaidh atharrachadh agus tha i a-nis a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.
Ann an Riaghaltas na h-Alba bha i ann an dreuchd Rùnaire Caibineit na Slàinte eadar an Céitean 2007 agus an t-Sultain 2007, agus ann an dreuchd Rùnaire Caibineit airson Bun-structair In-ionmhais agus Bhailtean le dleastanasan airson ro-innleachd an riaghaltais agus na bun-reachd gus an t-Samhain 2014. Bha i cuideachd 'na Leas-phrìomh-mhinistear aig an àm sin.
Chaidh a taghadh mar Cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air 14 an t-Samhain 2014 agus ghabh i dleastanasan a’ Phrìomh Mhinisteir os làimh air 20 an t-Samhain 2014. Thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2015. An dèidh do thaghadh Albannach 2021 mhair i mar phrìomh-mhinistear is chaidh na h-Uainich ann an riaghaltas na h-Alba airson a' chiad turas.
Anns a' Ghearrain 2023 thuirt i gun leigeadh i a dreuchd mar phrìomh mhinistear suas nuair a thagh am Pàrtaidh Nàiseanta ceannard ùr. Bhuannaich Humza Yousaf taghadh a' cheannardais an dèidh seo.
Bha rannsachaidhean ann mun dòigh anns an do làimhsich Ms Sturgeon gearainean mu Ailig Salmond. A-rèir rannsachaidh neo-eisimeileach a rinn James Hamilton QC a bha na àrd neach-casaid ann an Èirinn cha do bhris ise còd nam ministearan. Thug comataidh Thaigh an Ròid aithris air a' chùis is thuirt iad gun do mheall Ms Sturgeon iadsan ach cha b' ann a dh'aona-gnothach a rinn i sin.
Buill sgìreil | Bob Doris (Glaschu Cnoc Màiri agus Allt an Fhuarain) • Seumas Ó Dornáin (Glaschu Cathcart) • Clare Haughey (An Ruadh-Ghleann) • Bill Kidd (Glaschu Fearann Anna) • Iain Mason (Glaschu Baile Nighean Sheadna) • Ivan McKee (Glaschu Provan) • Nicola Sturgeon (Glaschu Taobh a Deas) • Kaukab Stewart (Glaschu Ceilbhinn) • Humza Yousaf (Glaschu Pollaig) |
Buill liosta | Patrick Harvie • Paul Sweeney • Pam Duncan-Glancy • Pauline McNeill • Anas Sarwar • Sandesh Gulhane • Annie Wells |
Dòmhnall Mac an Deòir (1999–2000) • Eanraig MacGillÌosa (2000–2001) • Seac MacConaill (2001–2007) • Ailig Salmond (2007–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–)
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005) • Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007) • Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014) • Iain MacShuibhne (làithreach o 21 an t-Samhain 2014)
Alexander MacEwen (1934–1936) • Andrew Dewar Gibb (1936–1940) • William Power (1940–1942) • Douglas Young (1942–1945) • Bruce Watson (1945–1947) • Robert McIntyre (1947–1956) • Jimmy Halliday (1956–1960) • Arthur Donaldson (1960–1969) • William Wolfe (1969–1979) • Gordon Wilson (1979–1990) • Ailig Salmond (1990–2000) • Iain MacShuibhne (2000–2004) • Ailig Salmond (2004–2014) • Nicola Sturgeon (2014–2023) • Humza Yousaf (2023–)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Nicola Sturgeon, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.