Ròn Cumanta

'S e mamal a tha ann an ròn cumanta (Phoca vitulina) a bhuineas don teaghlach Phocidae.

Ròn cumanta
Ròn Cumanta
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Mammalia
Òrdugh Carnivora
Gèineas Phocidae
Spèiseas P. vitulina
Ainm saidheansail
Phoca vitulina Linnaeus, 1758

Canar ròn calaidh ris cuideachd, ged nach eil iad rim faicinn cho tric ann an calaidhean mar a tha an ròn glas. Tha an ròn cumanta aithnichte mar ròn-mulbhach cuideachd ann an Gàidhlig no rasmhaol. Channadh "tang fish" ris ann an Sealtainn air sgàth 's gun bheil iad rim faicinn am measg an "tang" (feamainn).

Tha an t-ainm saidheansail Phoca vitulina a' ciallachadh "laogh sultmhor". Tha am facal phoca a' tighinn bhon fhacal Ghreugach "phoce" (sultmhor) a thàinig bhon fhacal Sanskrit "spha" (reamhar). Tha am facal Laideann "vitulus" a' ciallachadh laogh.

Coltas

Chan eil e furasta eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ròn cumanta is ròn glas, gu h-àraidh ma bhios iad anns an uisge. 'S e meud nan inbheach, pàtran a' chòta is cumadh a' chinn na prìomh fheartan a tha gan dealachadh bho chèile.

Tha ròin chumanta nas lugha na ròin ghlasa. Mar as trice tha an ròn glas fireann mu 1.85 meters (6.1 ft) a dh'fhaid agus faodaidh 55 to 168 kg (120 to 370 lb) de chuideam a bhith ann an ròin fhireann air fàs. Chan eil an tè bhoireann a bhith cus nas lugha na an fheadhainn fhireann. Tha còta ròin chumanta air a bhreacadh le tòrr spotan beaga a tha e gu math cunbhalach air feadh a' chuirp gu lèir. Tha dath a' chòta ag atharrachadh air feadh na bliadhna. Aig àm breith tha cota dorcha aig na cuileanan a tha caran coltach ris a' chota ma bhios iad bliadhna a dh'aois. Tron bhliadhna bidh an còta ag atharrachadh bho bhàn-dhonn ro àm mus cuir iad am bian gu dorch gual-ghlas àn dèidh sin.

Tha sùilean mòra aca a tha barrachd air aghaidh a' chinn agus nas fhaisge air gob na sròine. Leis a' mhaoil chas àird agus an t-sròn ghoirid tha cumadh a' chinn caran coltach mar cù no cù-eunaich. Tha na cuinnleanan aca suidhichte ann an cumadh-V.

Roinneachd

Ròn Cumanta 
Roinnean far a bheil an ròn cumanta a' fuireach

Chìthear ròin chumanta anns an Cuan a Tuath agus anns a' Chuan Sèimh, far a bheil e a' fuireach air cladaichean le oitirean-gainmhich far a bheil iad dìonta an aghaidh nàimhdean. Uaireannan tha iad a' fuireach air costa le creagan sàbhailte.

Thathar den bheachd gu bheil mu 500.000 ròn ann air feadh an t-saoghail, le gu bith 90.000 dhiubh a bhith beò air na costachan Eòrpach. Tha 35% dhiubh rin lorg anns an Rìoghachd Aonaichte agus 83% dhiubh ann an Alba.

Iomraidhean

Tags:

MamalSealtainn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

2014Ruith-airgidAn t-Impireachd Bheasantian948Ynys-dduNa SeicichFiodh734Iain MacCoinnichImpireachd nan OtomanachGearradh-armE1995Achadh Muthaich4mh mìle-bliadhna RC9019431986Leabhar-eòlaisDeachdaireEasagHausbrunnLars Onsager1650an2000an534Dàin do Eimhir2090anSpeuradairHindiÈirinn (eilean)Khayr al-Din al-RamliNollaig19181732Corneliu BabaCádiz (provincia)1930MeänkieliFraser StoddartJoachim FrankCôte-d'OrLios MòrGiobraltairDàirichDi-DòmhnaichAlfred NobelCànanPàdraig Dubh11 an GibleanUicipeidOilthigh PhrincetonBrabhsair-lìnKalmar länMadridAn Caisteal NuadhLuhanskNa h-Eileanan Aintilia BeagaAn Cèitean15 an LùnastalMeur-coiseA' Bhruiseal2003Fir ChlisCarraig FhearghaisDépartementLinn na DeigheIoslam1887AirmeiniaPoblachd na SìneAn Spiorad Naomh🡆 More