Rugadh Màiri Mhòr nan Òran (1821–1898), no Màiri Nic a' Phearsain, no Màiri Nighean Iain Bhàin, ann an Sgèabost san Eilean Sgiathanach.
Chuir i seachad a h-òige anns an Eilean Sgitheanach agus ann an 1848 phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus chaidh i a dh'fhuireach còmhla ris dhan bhaile sin. Bha sianar chloinne aca. Ann an 1871 chaochail Isaac agus chaidh Màiri a dh'obair na banaltraim.
Màiri Mhòr nan Òran | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Sgeitheabost, 1821 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Port Rìgh, 1898 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Gnè ealain | bàrdachd |
'S ann ri linn na h-obrach seo, a-rèir na bàrdachd aice, a chaidh a chur às leth Màiri gun do ghoid i aodach boireannaich a bh' air ùr-bhàsachadh agus a chaidh a cur don phrìosan airson còrr is mìos. Chaidh dearbhadh as dèidh làimh gun robh Màiri neo-chiontach ach cha d' fhuair i seachad air an tàmailt airson ùine mòir agus bha i air a gluasad gu bàrdachd a dhèanamh mun eucoir a rinneadh oirre agus air iomadach cuspair eile.
Dh'fhàg Màiri Inbhir Nis goirid às dèidh seo agus chaidh i a dh'fhuireach a Ghlaschu. Rinn i trèanadh foirmeil an-sin mar bhanaltram agus mar mhnaoi-ghlùine. Dh'fhàs i ainmeil am measg Gàidheil Ghlaschu leis mar a bhiodh i a' frithealadh chèilidhean agus thachartasan mòra Gàidhealach eile anns a' bhaile. Rinn i grunn òran ainmeil mu na cruinneachaidhean seo, nam measg 'Camanachd Ghlaschu' agus 'Deoch-slàinte Gàidheil Ghrianaig'.
Tha an t-uamhas de dh'òrain Màiri a-mach air bòidhchead an Eilein Sgitheanaich agus air na h-atharrachaidhean a bha air tighinn air an àite. Tha tòrr aca seo gan seinn fhathast, a leithid 'Nuair a bha mi òg', 'Eilean a' Cheò' agus 'Soraidh le Eilean a' Cheò'. Bhiodh i a' tilleadh dhachaigh gu tric fhad 's a bha i a' fuireach sa cheann a deas agus mu dheireadh chaidh i air ais a dh'fhuireach, an-toiseach ann an Òs agus an uair sin a Sgèabost. Bha i gu mòr an sàs ann an Strì an Fhearainn agus bhiodh i a' frithealadh coinneamhan chroitearan agus a' dèanamh agus a' gabhail òran-brosnachaidh dhaibh. Nam measg seo tha 'Coinneamh nan Croitearan', 'Brosnachadh nan Gàidheal' agus 'Òran Beinn Lì'.
Chaochail Màiri ann am Port Rìgh ach tha i air a h-adhlacadh ri taobh a cèile ann an Inbhir Nis.
Tha leac a' cuimhneachadh Màiri ann am Makars' Court, Dùn Èideann.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Màiri Mhòr nan Òran, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.