Löb Carlburg

B' e rabaidh agus neach-teagaisg às An Ungair/A'Ghearmailt a bh' ann an Yehuda Löb Carlburg (Eabhra:, יהודה לייב קארלבורג, Nagyenyed, 1765 - Krefeld 20 an Gearran 1835).

Rugadh agus thogadh e ann an Transsilvania a bha na phàirt Rìoghachd Habsburgach na h-Ungaire aig an àm. B' e a' chiad phrìomh rabaidh a-riamh air an Consistoire Iùdhaich san sgìre mu timcheall air Krefeld. B' e mac Mharcus (Mordechai) agus Esther Carlburg a bh' ann. Chaidh e gu grunn sgoiltean Talmud. Bha e na oileanach fo Mheier Barby ann am Bratislava agus fo Nathan Adler ann am Frankfurt. Fhuair e rud beag foghlam cuideachd anns na sgoiltean Iùdhaich ann am Pràg agus Berlin. A' tòiseachadh ann an 1793, chuir e seachad bliadhnaichean ag obair mar neach-teagaisg prìobhaideach, mar eisimpleir ann am Bonn ann an taigh Susman Moses Kaufmann. An sin ionnsaich e fhèin Laideann agus Greugais agus dhèilig e ri feallsanachd agus rannsachadh cànain Arabais, Caldein agus Siriais. Ann an 1803 chaidh ainmeach mar an dàrna rabaidh ann am Bonn. Trì bliadhna an dèidh sin, ann an 1806 fhuair e cuireadh chun Sanhedrin mòr ann am Paris, ach cha b' urrainn dha a bhith an làthair leis gu robh galar sùla air. Às deidh sin dh'fhàs e dall ann an aon sùil. Air 9 am Màrt 1809 chaidh a thaghadh mar phrìomh rabaidh ann an Krefeld a bhathar dìreach a stèidheachadh às ùr. Thachair sin fo lagh a chuir Napoléon Bonaparte air bhonn a thug stèidheachadh reachail dha na coimhearsnachdan Iùdhach anns na dùthchannan a bha fo bhuaidh na Frainge. Air 13 an Giblean 1809 thug e a bhòid san dreuchd. Nuair a thòisich e san dreuchd air 26 an Cèitean 1809, stèidhich e an sionagog aig an aon àm. Chaidh a thogail ann an 1764 agus chaidh ath-thogail, le naomh-chobhan Torah ùr. Ann an 1810, bha 160 Iùdhach a' fuireach ann am 20 dachaigh ann an Krefeld. Chuir e seachad 25 bliadhna ann an Krefeld gus na chaochail e ann an 1835.

Löb Carlburg
Beatha
Breith Alba Iulia, 1765
Bàs Krefeld, 20 dhen Ghearran 1835
Dreuchd
Dreuchd rabbi (en) Translate
Àitichean-obrach Krefeld agus Bonn
Creideamh
Creideamh Iùdhachd

Iomraidhean

Tags:

13 an Giblean1764176517931803180618091810183520 an Gearran26 an Cèitean9 am MàrtA'GhearmailtAiudAn FhraingAn UngairArabaisBerlinBliadhnaBonn (a' Ghearmailt)BratislavaCànanEabhraFeallsanachdFoghlamFrankfurtGreugaisIùdhachdLaghLaideannNapoléon BonaparteNeach-teagaisgParisPràgSionagogSùil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

16mh LinnErnest HemingwayBucharestCatNijmegen18919482019Na GlaschnoicMuscatGearradh-arm27 an CèiteanGUicipeidMeur-coiseMacBheatha na h-AlbaPàipear-naidheachdCocairixAn t-Eilean Sgitheanach2014CromleaxÀrc-eòlasNevadaDeuchainn-lannBaile Átha CliathGregor MendelAn ArgantainEilean na Deasgabhalach1770an19891998An t-ÒgmhiosImpireachd nan OtomanachLeòdhasInnis CheithHausbrunnCadmiumAn t-Urramach Niall Ros195511 an GibleanPàdraig Dubh1936Bunan-lùth nach teirg ann an AlbaVVirginiaNa Seicich8 an t-SamhainPàipearDùghlas RossNa h-Eileanan SiarAchadh MuthaichObair (fiosaigs)Gual20061980anA' BhruisealComhairlean na h-Alba3mh mìle-bliadhna RCAlba1943Pàpa Pius VDèigh61945FìdiSpàinntis1995949CiNii90Wilhelm Conrad RöntgenDépartementPoblachd na SìneAimearaga a Tuath🡆 More