Alba Iulia

'S e baile meadhannach eadar Deva agus Sibiu, ann an cridhe Romàinia a th' ann an Alba Iulia (IPA: ˈalba ˈjuli:a, Ungairis: Gyulafehérvár, Gearmailtis: Karlsburg/Weißenburg).

Alba Iulia
Gyulafehérvár
Karlsburg
Alba Iulia Alba Iulia
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Alba Iulia
Alba Iulia
Suidheachadh
Dùthaich Alba Iulia Romàinia
Ceàrn Alba Iulia Alba
Co-chomharran 46° 04 01' Tuath
23° 34 12' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 103.65 km²
Àireamh-shluaigh 63,536 (2011)
Dlùths 612.99/km²
Àireamh fòn +40 02 58
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Mureş, aig 230m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Alba. Tha 63,536 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

'S e eadar-theangachadh on t-seann ainm Bălgrad (Gàidhlig: Baile Geal) ann an Slabhais agus ainm tighearna-cogaidh air an robh Gyula, s' a tha ainm a' bhaile. Sgrìobh Ptolomaidh gu robh baile nan Daci ann an seo air an robh Apoulon san leabhar Γεωγραφικὴ Ὑφήγησις. Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach agus b' e Apulum a chanadh ris an àite aig àm Impireachd na Ròimhe. Chaidh am baile a chlàradh ann an 1171 mar Frank episcopus Belleggradienesis agus an uair sin mar Castrum Albens ann an 1206. Cha b' ann ach ann an 16mh Linn a nochd an t-ainm ann an Gearmailtis agus Ungairis. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Alba Iulia nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis. Chaidh sgìreachd-easbaig na h-Eaglaise Chaitligiche ann an Transsilvania a stèidheachadh an seo anns na meadhan aoisean. B' e Alba Iulia a bh' ann prìomh-bhaile Phrionnsalachd Transsilvania bho 1570 gu ruige 1692. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha coimhearsnachd làidir air a stèidheachadh an seo anns an 18mh Linn, agus thog iad sionagog ann an 1840. Thug feachdan Ion Antonescu an deachdaire sgrios agus milleadh orra tron Uile-losgadh. Bha mòran Ghearmailteach ann ach dh'fhalbh iad uile gu lèir an dèidh An Dàrna Cogaidh agus, gu seachd-àraidh, fhad's a bha Nicolae Ceauşescu os cionn na dùthcha.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

Tags:

Alba Iulia EachdraidhAlba Iulia Daoine ainmeilAlba Iulia Bailtean co-cheangailteAlba Iulia IomraidheanAlba IuliaAlba (Siorrachd)BaileDevaGearmailtisIPARomàiniaRomàinisSibiuUngairis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1977Donetsk (Donetska Oblast)OlaGreugais1912BerlinPeallag (Creutair Miotas-eòlasach)ProifeasanWisconsinLagosKofi Annan1259Walter ScottAn Cuan SgitheanachPràgBjornstjerne Martinus BjornsonTwitterMuJean-Marie LehnAn t-Aonadh EòrpachNoam ChomskyAn DanmhairgJ. R. R. TolkienUisgeNileWashington, D.C.AlbaisEabhraÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichtePoblachd na SìneBiadhBathar-bogZGealachThe Lord of the Rings (leabhar)Muir AralTaigh Rìoghail Hanòbhair92Am PlocSgoil Eòlais na h-AlbaDùn DèaghTiùbaFaoiteagLiosta nan lochan anns an Eilean Sgitheanach1960Will PoulterIoslamCo-ionnannachd comais-cheannachdArnhemBohriumLighicheAn Roinn-EòrpaRouenImpireachd nan OtomanachCanidaeAlasdair AllanSheòirsea a Deas is na h-Eileanan Shandwich a DeasBerdianskAn Tòin MòrClaidheamhDigital Object IdentifierHTMLRiaghaltasCoirèa a DeasSankt PeterburgHindi249WikimediaFiadhEalainCo-nasgadh nam MuiscaOblasti na h-Ucràine🡆 More