B' e Actair, Bàrd, Peantair agus Seinneadair ainmeil às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Herman Brood (Zwolle, 5 an t-Samhain 1946 - Amsterdam, 11 an t-Iuchar 2001).
Thoisich Brood am piàna a chluich nuair a bha e dìreach 12 bliadhna a dh'aois. Bha e air leth glic ach cha do chòrd an sgoil leis idir. Dh'fhàs e gu math ainmeil mar cheòladair san dùthaich aige fhèin fad na 70an ann ann sreath dhe còmhlan-ciùil: The Moans, Cuby and the Blizzards, Q65 agus Stud. Ach 's e na rinn e còmhla ri Wild Romance, a steidhich e ann an 1977 a tha nas ainmeil nar làithean. Choinnich e ri Anton Corbijn ann an Groningen ann an 1975. Phòs Brood le Xandra Jansen ann an 1985 agus fhuair iad dithis duine-chloinne, Lola agus Holly. Bha nighean eile aige, Brenda, a rugadh ann an 1979. Beag air bheag leig e dheth an Ceòl airson a bhith na pheantair agus na bhàrd. Rinn e mòran dealbhan-balla a chithear ann an Amsterdam an latha an-diugh. Bha e a-riamh ann an trioblaid leis an deoch làidir agus na drugaichean. Cha b' urrainn dha sin leigeil a dheth agus mu dheireadh thall thug Brood ùthachd dha fhèin ann an taigh-òsda Hilton, ann an Hilton an Amsterdam, ann an 2001
Herman Brood | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Zwolle, 5 dhen t-Samhain 1946 |
Dùthaich | Rìoghachd nan Tìrean Ìsle |
Ciad chànan | Duitsis |
Bàs | Amsterdam agus Hilton Amsterdam (en) , 11 dhen Iuchar 2001 |
Nàdar a’ bhàis | fèin-mhurt (suicide by jumping from height (en) ) |
Teaghlach | |
Cèile | Xandra Jansen (en) |
Clann | |
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair, seinneadair is sgrìobhaiche, peantair, actair, bàrd, cluicheadair piàna, sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche, actair film, sgrìobhaiche òran agus cluicheadair-guitàir |
Àitichean-obrach | Arnhem, Groningen, Amsterdam, Na Stàitean Aonaichte, Groningen agus Amsterdam |
Duaisean a fhuaras | liosta
|
Gnè ealain | rock and roll (en) |
Inneal-ciùil | piàno giotàr guth |
Taigh-clàraidh | RCA Records (en) |
IMDb | nm0111596 |
hermanbrood.nl |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Herman Brood, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.