Halmstad

‘S e baile meadhanach agus port ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Halmstad (IPA: halmsta).

Halmstad
Halmstad
Gearradh-arm
no Seula
Halmstad
Halmstad
Suidheachadh
Dùthaich Halmstad An t-Suain
Ceàrn Halmstad Halland
Sgìre Halmstad Hallands län
Co-chomharran 56° 40 00′ Tuath
12° 51 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 34.13 km²
Àireamh-shluaigh 58,577 (2010)
Dlùths 1,716.29/km²
Àireamh fòn (+46) 035
Duilleag oifigeil http://www.halmstad.se/

Tha e suidhichte eadar Göteborg agus Helsingborg, aig Inbhir na h-aibhne Nissan, far a shruthas i dhan Kattegat, san sgìre Hallands län, 426km air falbh bho Stockholm, 451km bho Uppsala agus 1,107km bho Luleå. Tha 58,577 duine a' fuireach ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1307.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: halmr (feur) agus stad (baile) a tha an t-ainm. Bheireadh sin Baile an Fheòir dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1231 mar Halmstæde. Fhuair Halmstad - a bha beagan na b' fhaide shuas na h-aibhne na tha e a-nis - a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt bho Rìgh na Danmhairge ann an 1307. Ghluaiseadh meadhan a' bhaile dhan àite far a bheil e an latha an-diugh mu 1320, le cead bhon Phàp, nuair a bha trioblaid mhòr ann leis An t-Suain, a bheireadh ionnsaigh daonnan air Halmstad. Eadar 1400 agus 1530 b' ann ann an Halmstad a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh air an Aonadh Kalmar. Thog an Rìgh Christian den Fjerde ballachan-dìona an seo. Chaidh am baile na smàl ann an 1619. Ann a 1645 thug an t-Suain seilbh air Halmstad. Dh'fhàs am baile fad an 19mh Linn air sàilleabh gu robhar a' togail taighean-gnìomhachais.

Daoine ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Halmstad Freumhan an ainmHalmstad EachdraidhHalmstad Daoine ainmeilHalmstad IomraidheanHalmstad Ceanglaichean a-machHalmstad1307AbhainnAn t-SuainBaileGöteborgHallands länHelsingborgIPAInbhirKattegatLuleåPortStockholmUppsala

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

12 an GibleanSaidheans PoileataigeachNeach-poileataigsEadar-lìonAn Dàrna Cogadh18 an GibleanFluarainGealachPoblachd na SìneTeicneòlasDuais Nobel ann am FiosaigsCoireaAn FhraingÀrsaidheachdPopayánMadadh-cuainBall-coiseEun-turaisLucsamburgJohn MuirPagastànIntegrated Authority FileVirginiaJohn Paul JonesJaén (provincia)Svalbard1838Uilleam UallasCarles Puigdemont i CasamajóA' Bheurla GhalldaBraisilSasainnCoimpiutaireachd2 an GearranEl SalbhadorCeòl3 an CèiteanEartraEacuadorAinmeanMalairt1938Victoria (na h-Eileanan Sheiseall)1986SuainisIasgach17 am FaoilleachZ187619 an DùbhlachdCarl BoschDùthaich nam BasgachPrìomh-DhuilleagA' ChongoAirgead (malairt)GeòlasJohn Howard NorthropReykjavík1504AiltireachdAibidil EabhraErwin SchrödingerJosé Vicente ConchaBurundaidhCruitLiosta dhaoine às a' Chuimrigh24 an Giblean🡆 More