B' e saighdear nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Ernst Julius Günther Röhm (München, 28 an t-Samhain 1887 - Ibidem, 1 an t-Iuchar 1934).
Rugadh agus thogadh Röhm anns A' Bhaidhearn agus bhuinneadh e do theaghlach clas-obrach Caitligeach - dh'obair athair air na trèanaichean. bha e na shaighdear sa Chogadh Mhòr, chaidh ardachadh gu fo-cheannard agus chaidh a leòn aig Verdun. Ghabh e sa Phàrtaidh Nàsach ann an 1920 agus bha e an sàs anns an Hitlerputsch. Ann an 1928 chaidh e thall thairis gu Boilibhia far an robh e na chomhairleach armailteach ann an Cogadh Chaco, ach thug Hitler airsan thilleadh dhachaidh an an 1930. Rinneadh murt air ann an 1934 air òrdughan Hitler, mar phàirt iomairt air an robh Nacht der langen Messer (Gàidhlig: Oidhche nan Sgianan Fada) - gus an fheadhainn a bha an aghaidh Hitler sa Phàrtaidh Nàsach - gu seachd-àraidh an Sturmabteilung a stèidhich Röhm fhèin ann an 1921 - a sgìursadh.
Ernst Röhm | |||||
---|---|---|---|---|---|
| |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Ernst Julius Günther Röhm | ||||
Breith | München, 28 dhen t-Samhain 1887 | ||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Bàs | Munich Prison (en) , 1 dhen Iuchar 1934 | ||||
Àite-adhlacaidh | Westfriedhof (en) | ||||
Nàdar a’ bhàis | murt duine (assassination (en) ) | ||||
Foghlam | |||||
Cànain | Spàinntis Gearmailtis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus luchd an airm | ||||
Com-pàirtiche | |||||
Àitichean-obrach | Nürnberg agus Berlin | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Ballrachd | Sturmabteilung (en) | ||||
Seirbheis san arm | |||||
Meur an airm | Arm Impireil na Gearmailte | ||||
Ìre | Hauptmann (en) | ||||
Strì | An Cogadh Mòr | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Nàsach Pàrtaidh Oibrichean na Gearmailte German Völkisch Freedom Party (en) National Socialist Freedom Movement (en) | ||||
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ernst Röhm, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.