Tuigse Inntealta

'S e tuigse ann an innealan an àite ann am beathaichean a tha ann an tuigse inntealta.

Tuigse Inntealta
ELIZA, bot-cabadaich às na 1960an

Mar eisimpleir, tha algairimean as urrainn dhaibh tàileasg is Go a chluicheadh, beathaichean ann an dealbhan aithnicheadh is teacsaichean eadar-theangachadh.

Eachdraidh

Sgrìobh Alan Turing "Computing Machinery and Intelligence" ann an 1950, anns an do mhol e an Deuchainn Turing. Bha geama Bhictòrianach ann far nach do rinn na cluicheadairean conaltradh ach tro nòtaichean sgrìobhte. Dh'fheum na cluicheadairean tuairmse a dèanamh am b' e boireannach no fireannach a bha anns na cluicheadairean eile. Nam b' urrainn do choimpiutair an geama seo a chluicheadh, carson nam biodh e tuigseach?

Ann an 1963 stèidhich Dòmhnall Michie buidheann rannsachaidh ann an tuigse inntealta aig Oilthigh Dhùn Èideann. Thàinig Richard Gregory is Christopher Longuet-Higgins ann an 1966 is chaidh Roinn Tuigse Inntealta is Lèirsinn a stèidhicheadh. Chaidh an roinn a roinn an dèidh do dh'Aithris Lighthill anns na 1970an.

Tha modalan-cànain fasanta aig an àm seo ach tha Timnit Gebru is Emily Bender an dubh-chàineadh air sgàth 's gu bheil iad daor, gu bheil am pròiseas trèanaidh a' milleadh an àrainneachd is gu bheil na modalan ag ath-riochdachadh claonaidhean ann an dàta an trèanaidh.

Ann an saoghal na Gàidhlig

Chruthaich Google siostam eadar-theangachaidh air loidhne ann an 2016 agus mar sin tha mòran droch eadar-theangachaidhean le inneal bho Bheurla gu Gàidhlig ri cheannachadh air Amazon.

Iomraidhean

Tags:

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BangladaisDeòrsa Mac Iain DheòrsaMìle-bliadhnaSan Antonio, Texas120060Canterbury RegionStuttgartTehranBàrdachd14682000anFànasCànanachasAn t-IucharThessalonikiMeanbh-fhrìdeLazarillo de TormesDealanVeneziaMatamataigear626TeicneòlasOilthigh LunnainnCalafòrniaCanada1970anFraingis12 an DùbhlachdCathair na BhatacainNa Tìrean Ìsle1930Gregor MendelDelawareRéunionAbraham LincolnIaltag1120Apa1838BeiliseTaylor SwiftBogotá1745TelebhiseanFort Lauderdale, FloridaBun-sgoil Taobh na PàircePrahova (Siorrachd)Mesopotamia750CrìosdaidheachdBaile mòrAn ArgantainGaisgeach1520ArainnDi-LuainBulgàiriaAtharrachadh na Gnàth-shìdeEilean nan EichMonroviaRuisisBeathach19021977Santo Domingo1856OllamhBanguiAonadh Rugbaidh1792Aimearaga a TuathBaile a' Chip🡆 More