Hitlerputsch

B' e cur-fodha stàite a thachair ann am München ann an 1923 nach robh soirbheachail a bh' ann an Hitlerputsch air neo Cur-fodha stàite Talla Leanna/Cur-fodha stàite Mhünchen.

Hitlerputsch
Hitlerputsch
Dealbh na h-aimhreite sna sràidean
Ceann-latha 8 an t-Samhain agus 9 an t-Samhain 1923
Àite München
Buil Dh'fhàilnig an cur-fodha stàite. Chaidh na Nàsaich dhìteadh
Luchd-cogaidh
Hitlerputsch Pàrtaidh Nàsach
Hitlerputsch Sturmabteilung
Hitlerputsch Poblachd Weimar
Hitlerputsch Reichswehr
Hitlerputsch Poileas na Baidhearn
Cinn-fheachda
Hitlerputsch Adolf Hitler
Hitlerputsch Erich Ludendorff
Hitlerputsch Ernst Röhm
Hitlerputsch Rudolf Hess
Hitlerputsch Scheubner-Richter
Hitlerputsch Robert Wagner
Hitlerputsch Hermann Göring
Hitlerputsch Heinrich Himmler
Hitlerputsch Hans Frank
Hitlerputsch Otto von Lossow
Hitlerputsch Eugen von Knilling
Hitlerputsch Gustav von Kahr
Hitlerputsch Hans von Seisser
Neart
mu 2,000 mu 130
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
16 4

B' ann fo stiùir Adolf Hitler, Erich Ludendorff agus ball eile na Kampfbund (Gàidhlig: Lìg na Strìthe) a thachair an cur-fodha stàite seo eadar 8 an t-Samhain agus 9 an t-Samhain 1923. Theab a' ghràisg seo an Riaghaltas a ghabhail os làimh. Thug iad ionnsaigh air Poblachd Weimar ann am München an àite Bherlin - prìomh-bhaile na dùthcha - air sgàth 's gur ann anns A' Bhaidhearn 's a bha am Pàrtaidh Nàsach na bu treasa aig an àm. Rinn mu 2,000 nàsach air Carragh-chuimhne air a bheil am Feldherrnhalle (Gàidhlig: Talla an t-Seanaileir), ann am meadhan a' bhaile, ach sheas na Poileis nan aghaidh. Fhuair 16 Nàsaich agus ceathrar oifigearan-poileis bàs san aimhreit agus ainneart a lean sin. Bha Hitler, Frank agus Göring air an leòn. Theich Hitler gu similidh meatach ach chaidh a chur an grèim an ceann sreatha agus bha e air a dhìteadh airson traoidhtearachd. Ged nach robh an Hitlerputch soirbheachail a thaobh armachd, b' ann feumail do Nàsachd san fhad-ùine 's a bha e o chionn's gun deach beachdan Hitler a chraoladh anns na meadhannan air feadh an t-saoghail fad mìosan. Mhair a' chùis-lagha an aghaidh Hitler 24 latha, is luchd-aithris na tìre a' cluinntinn ris agus a' cur sa chlò anns na pàipearan-naidheachd na canadh esan fad an t-suibhail. Fhuair Hitler binn-prìosain fada, ach cha do chur e seachad ach naoi mìos fo ghlais is iuchair. Sgrìobh e an droch leabhar Mein Kampf (Gàidhlig: Mo Strì) fhad 's a bha e fo ghlasaibh.

Iomraidhean

Tags:

19238 an t-Samhain9 an t-SamhainA' BhaidhearnAdolf HitlerBerlinCur-fodha stàite (Coup d'État)DùthaichErich LudendorffGàidhligHans FrankHermann GöringLathaLeabharMünchenNeach-aithrisNàsachdOifigear-poileisPoblachd WeimarPrìomh-bhailePàipear-naidheachdPàrtaidh NàsachSaoghal

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

PoilisacaraidBizkaia (provincia)LucsamburgAlbertaUicipeid1956IomadachadhImmanuel KantRuisisEacuadorOld FirmGàidhligJohn Howard NorthropJosé Vicente ConchaA' PhruisLiosta dhaoine à AlbaAràibia nan SabhdCanadaAn Rìoghachd AonaichteTorontoDùthaich nam BasgachEòlas-comainnLunnainnPoileataigsEun-creachaidh1934Prìomh-DhuilleagJersey Nuadh1260anRuaraidh MacFhionghainNeach-poileataigsPoblachd na SìneJames K. PolkSpàinntisSasainnEachdraidhAn Crios-Grèine1504An Fhraing1835KarachiVirginiaGreugaisÁlava (provincia)21 an Giblean1960Dannsa1986Victoria (na h-Eileanan Sheiseall)Corp-eòlasJaén (provincia)AstràiliaLàrach-lìn19 an DùbhlachdTaigh na h-UiseigAfragaSaidheans PoileataigeachCòrn SasannachCeimigeachd1520An Dàrna CogadhZenana🡆 More