Eilean Nam Muc

Tha Eilean nam Muc (IPA: ) na eilean anns na h-Eileanan Tarsainn.

Eilean nam Muc
Eilean Nam Muc
Eilean nam Muc - Port Mòr
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir Na h-Eileanan Tarsainn
Co-chomharran 56.834167º T
6.248889º I
Comharradh-clèithe NM408794
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 5.59 km²
Àireamh-shluaigh 27 (2011)
Dlùths 4.83/km²

Tha an t-eilean 2.5 mìle (4 km) a dh'fhad. Tha e cho farsaing ri 2.2 mìle ceàrnagach is nas motha na Eilean Chathastail agus Eilean nan Each anns an innis-mhuir seo.

Anns a' bhliadhna 2011 bha 27 daoine a' fuireach air an eilein. 'S e Port Mòr am port-mara aige, tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach an seo. 'S e an tuathanas Gallanach an tuineachadh eile a tha ann.

'S e Beinn Airein (137 m) a' bheinn as àirde a tha air an eilein.

Tha Eilean nam Muc ainmeil airson nan ròin agus nan mucan-bhiorach a tha gu math iomadach anns a’ mhuir timcheall air an eilean.

Chan eil an t-ainm "Eilean nam Muc" ceangailte leis a' mhuc idir. 'S e ainm goirid airson muc-mhara a tha ann.

Còmhdhail

Chaidh an cidhe ann am Port Mòr a thogail anns a' bhliadhna 2005. Cleachdar na h-aiseagan Chaledonian Mac a' Bhriuthainn e. Tha an aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eilean nam Muc.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

IPANa h-Eileanan Tarsainn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

24 an GibleanBreatainn MhòrAràibia nan SabhdGustav Kirchhoff9 an Lùnastal1986TutankhamunMiotas-eòlasReykjavíkGealachFrederick John Robinson, 1d Biocas Goderich1835GiùlanEartraJaén (provincia)GreugaisPoilisacaraidA' BheilgNa h-Eileanan FilipineachDigital Object IdentifierMalairtÀiteachasPrìosanIain Eairdsidh MacAsgaillAn FhraingDonald TrumpIntegrated Authority FileMarie Antoinette4 an GibleanMatamataigear7mh LinnGeorge H. W. BushVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)Dùn BarraAlbertaAibidil EabhraLon dubhZenana12 an t-ÒgmhiosProbhaistA' Bheurla GhalldaCoimpiutairSvalbardEadar-lìonWiki CommonsCeimigeachdLiosta dhaoine à AlbaBall-coiseColannGàidhlig na h-ÈireannErwin SchrödingerRìgh Juan Carlos I na SpàinneStaitistearachdPoblachd na h-ÈireannDùn ÈideannRuisis19mh LinnBurundaidhMatamataig4 an t-Ògmhios1 an GearranCànanachasAonachGàidhligA' Phruis🡆 More