'S e Ì, neo Idhe, fear den Innse Gall.
Ì | |
Crois Idhe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Earra-Ghàidheal |
Innis-mhuir | Muile |
Co-chomharran | 56.333333º T 6.416667º I |
Comharradh-clèithe | NM275245 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 8.77 km² |
Àireamh-shluaigh | 177 (2013) |
Dlùths | 20.18/km² |
Tha Ì ann an Earra-Ghaidheal ann an Alba. A-rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 177 duine a' fuireach anns an eilean agus mar sin dh'fhàs àireamh muinntir an eilein bho 125 duine anns a' bhliadhna 2001.
Anns a' bhliadhna 563 thàinig bàta gu tìr Eilean Idhe. Am Broinn an currach bha imrich à Èirinn - manaich a bh' annta agus nam measg bha duine a bhiodh cho cudthromoch ann an eachdraidh na Breatainn ri neach sam bith a bha bèo sna meadhan aoisean. 'S e an eaglais a thòisich Calum Cille, ris an can a chuid mhòr do luchd-eachdraidheal an eaglais Ceilteach, a dh'iompaich taobh tuath Breatainn gu creideamh Chrìosd. Am measg nam manachainnean mòra ainmeil a bha stèidhichte fo eaglais Chaluim Chille bha leithid Lindisfarne an tuath Sasainn agus Dharù is Dhoire ann an Eirinn. B' e I fhèin am prìomh eaglais aig na Cruithnich. Bha ceanglaichean mòra eadar na mannaich ann an I agus an teaghlach cùmhachdach o Eirinn, Clann Ui Nèill. Chan ann a mhàinn ri na dùthchannan Ceilteach a bha cùmhachd Eaglais Chaluim Chille ach cuideachd ri gall mar na Lochlannaich (an dèidh dhaibh gabhal ri Crìosd) agus na Sasannaich. Tha rìghrean bhon Nirribhidh agus Sasainn air an tioghlaigeadh air an eilean cuide ri iomadach rìgh bho Dàl Riada, Eirinn, Alba agus eile.
Tha Iona, ainm Beurla an eilein, a' tighinn bho leughadh ceàrr air "Ioua", a tha a' ciallachadh, 's dòcha, "eilean nan craobh iubhair". Bhon a tha ainm an eilein sa Ghàidhlig, "Ì", cho goirid, théid a shìneadh mar as trice gu "Ì Chaluim Chille" no gu "Eilean Idhe" ('s e tuiseal ginideach a tha ann an "Idhe"). Canar "Idheach" ri cuideigin à bhuinneas don eilean, agus canar cuideachd "Ì nam ban bòidheach" ris an eilean. (Fiosrachadh bho Iain Mac an Tàilleir)
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ì Chaluim Chille, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.