Eige

'S e aon de na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Eige (IPA: , Beurla: Eigg).

Eige
Eige
Eige; sealladh bhon aiseig eadar Malaig is Armadal
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir Na h-Eileanan Tarsainn
Co-chomharran 56.9º T
6.16667º I
Comharradh-clèithe NM476868
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 30.49 km²
Àireamh-shluaigh 83 (2011)
Dlùths 2.72/km²

Tha e suidhichte anns na h-Eileanan a-staigh air àird a deas an Eilein Sgitheanaich agus air àird a thuath leth-eilean Àird nam Murchan. Tha Eige 9 km a dh’fhad agus 5 km a leud. Le 12 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn. Tha an cuid as motha de na daoine a' fuireach ann an Cliadal. 'S e tuineachaidhean eile a tha ann an Cill Donnain, Sandamhòr, Lathaig, Thùlain, A' Chuagach agus Galmasdal.

Eige
An Sgurr, a' bheinn as àirde air an eilean

'S e an Sgurr (393 m/1289 troigh) a' bheinn as àirde a tha anns an eilean. Is dòcha gu bheil ainm an eilein ceangailte le lochan faisg air Sgùrr Eige, Loch nam Ban Mòra. Bha ainm eile air Eige cuideachd: Eilean nam Ban Mòra. Ann am meadhan Eige tha àrd-thìr ann a tha còmhdaichte le mòinteach.

Tha an aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc. Tha an cidhe faisg air Galmasdal. Tha taigh-solais ann an Eilean Chathastail dìreach air àird an ear-dheas Ghalmasdal. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eige.

Bha an t-eilean le neach-spòrs Keith Schellenberg nach maireann agus neach-ealain às a' Ghearmailt Marlin Eckhard no Maruma mus do cheannaich muinntir an àite an t-eilean tron Urras Dualchas Eige ann an 1997. Tha an t-Urras aig an Comann Luchd-Fuirich Eige, Comhairle na Gàidhealtachd agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba.

Daoine ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Eige 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

An t-Eilean SgitheanachIPANa h-Eileanan TarsainnNa h-Eileanan a-staighÀird nam Murchan

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Seumas II na h-AlbaSeirbiaAlmazánThe BeatlesCreag an IubhairEadar-lìonIván DuqueSanta Cruz de TenerifeNa h-OlympicsDàibhidh CamshronCeòlSaidheans cognatachPoileataigsStockholmCultarParisGeòlasÀirneisMichael JacksonBraisilJeremy RennerRabindranath Tagore493Poblachd na h-ÈireannA' Ghearmailt an EarJohannes KeplerModailBucha (Kyivska Oblast)Borgh (Siorrachd Chille Chuithbeirt)LàthosBànrigh BhictoriaUachdaran na h-ÉireannGalileo GalileiAtamRed Bull RacingAnn Arbor, MichiganLeninCarles Puigdemont i CasamajóWalt DisneyCogadh Sìobhalta na SpàinneAn t-ÒbanAntalopFarsaingeachdAn Talamh (planaid)An Dàrna CogadhSoillseachadhBogotáBeinn EòinBristolWashington D.CFiosaigPàpa Pòl VICòd Àireamh fòn eadar-nàiseantaJohn F. KennedyMoirfinGlaschu an Iar-Thuath (sgìre Phàrlamaid Westminster)Dà-ghnèitheachdSròn a' ChlachairSalzburgIain Eairdsidh MacAsgaillAn t-SuainComunnachasCasachstànBenito MussoliniBanca Shasainn🡆 More