Ratharsair

'S e eilean fada caol air taobh an ear an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Ratharsair.

Ratharsair
Ratharsair
Ratharsair
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Gàidhealtachd
Innis-mhuir An t-Eilean Sgiathanach
Co-chomharran 57° 22′ T
6° 1′ I
Comharradh-clèithe NG579395
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 62.4 km²
Àireamh-shluaigh 161 (2011)
Dlùths 2.58/km²

Chanaidh cuid Ratharsaigh, ach chan eil ann an sin ach cruth Gàidhealach air an t-ainm Beurla: Raasay.

Cheannaich George Rainy, a bha an sàs ann am malairt thràillean agus a bhuannaich airgead-dìolaidh an dèidh don cur às do thràilleachd, Ratharsair airson 35,000 ginithean ann an 1846. An dèidh do Rainy chaidh an t-urras gu George Haygarth Rainy (1863–1872), George G. MacKay (1872–1874), William James Armitage (1874–1876) agus Edward Herbert Wood (1876–1911). Cheannaich William Baird and Company, Ironmasters of Coatbridge an t-urras ann an 1911 is stèidhich iad mèinnean-iarainn. Cheannaich Bùird Àiteachais na h-Alba an t-urras ann an 1923 is chaidh pàirt dhen urras gu Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 1979. Cheannaich a' coimhearsnachd e ann an 2007.

Cruinn-eòlas

Tha an ceann a tuath creagach, agus tha coilltean sa cheann a deas. 'S e Dùn Cana a' bheinn as àirde air an eilean.

Bailtean

Fhad 's a bha 192 duine a' fuireach ann an Ratharsair anns a' bhliadhna 2001, a-rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 161 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011. Tha iomadh taighean nan iar-dhachaidh. 'S e Inbhir Àrais am prìomh baile.

Bailtean fàs

Eileanan beaga

Tha trì eileanan beaga faisg air ceann a tuath Ratharsair: Rònaigh, am fear as motha, Fladaigh agus Eilean Taighe.

Lochan

Faic cuideachd: Liosta nan lochan ann an Ratharsair

Gnìomhachas

Mèinn cloiche-iarainn

Lorgar clach-iarainn air Ratharsair aig deireadh an 19mh linn, agus trath anns an 20mh linn fhuair maighstirean-iarainn Uilleam Baird & Co. seilbh air an eilean. Fhosgail Baird meinn-iarainn air an Eilean mu àm a' Chogaidh Mhòr ach cha do chum e a' dol às dèidh 1920.

Na h-Eaglaisean

Nuair a chaidh An Eaglais Shaor Chlèireach stèidheachadh ann an 1893, bha Dòmhnall MacPhàrlain a bha na mhinistear ann an Ratharsair aig an àm seo, an sàs ann an tachartas seo gu mòr.

Àiteachan sònraichte

Caisteal Bhròchaill

Tha Caisteal Bhròchaill na thobhta san latha an-diugh.

Dùn Bhorghadail

'S e làrach dùin à Linn an Iarainn a th' ann an Dùn Bhorghadail.

Rathad Chaluim

Ratharsair 
Rathad Chaluim

Thàinig leabhar a-mach ann an 2006, Calum's Road le Roger MacÙisdein, mu dhèidhinn an rathaid air Ratharsair a rinn Calum MacLeòid leis fhèin gun chroit aige. Thug e deich bliadhna mas do chuir e crìoch air. Tha fonn ann cuideachd leis an aon ainm a sgrìobh Donald Shaw bho Capercaillie.

Taigh Mòr

Nuair a bha Samuel Johnson agus James Boswell a' tadhail air Ratharsair, bha iad a' fuireach ann an Taigh Mòr Ratharsair. Tha Raasay Hotel a' cleachdadh an togalach a-nis.

Daoine ainmeil à Ratharsair

Ratharsair 
Bàgh Hallaig, càrn-cuimhne Shomhairle MhicGill-Eain agus Dùn Cana san t-sealladh.

Somhairle MacGill-Eain

Rugadh is thogadh am bàrd Somhairle MacGill-Eain (1911-1996) air an eilean, ann an Òsgaig, far an robh a phàrant athar na thàillear. Tha a dhàn ainmeil "Hallaig" a' cuimhneachadh baile air taobh ear an eilein agus an t-sluagh a chaidh fhuadachadh. Tha 'Sgreapadal' a' làimhseachadh baile fuadaichte eile air an eilein, faisg air Hallaig.

Calum MacGilleathain

Rinn Calum Iain "Beag" MacGilleathain (1915-1960), bràthair Shomhairle, obair mhòr mar neach-cruinneachaidh beul-aithris, ann an Alba is ann an Èirinn cuideachd.

Calum MacLeòid

B' e neach-eachdraidh ionadail a bh' ann an Calum MacLeòid, sgrìobh e an leabhar Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair (le eadar-theangachadh gu Beurla). Tha e gu h-àraidh ainmeil air sgàth 's gun do rinn e 'rathad Chaluim'.

Sgrìobhaidhean mu a deidhinn ann an Gàidhlig

  • MacLeòid, Calum. (2007) Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair Dùn Phàrlain: Clò Àrnais ISBN: 978-0-9555014-0-1

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Ratharsair Cruinn-eòlasRatharsair GnìomhachasRatharsair Na h-EaglaiseanRatharsair Àiteachan sònraichteRatharsair Daoine ainmeil à Ratharsair Sgrìobhaidhean mu a deidhinn ann an GàidhligRatharsair IomraidheanRatharsair Ceanglaichean a-machRatharsairAn t-Eilean SgitheanachBeurla

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

9 an CèiteanNebraskaBànrigh Ealasaid II27 an CèiteanBob DylanAn Roinn-Eòrpa2023EachTomás HerreraRìgh-shliochd nam MingSchutzstaffelCorp-eòlasSuòmaidh957David HumePoll a' Ghrùthain1200835BrasíliaTartuMìosachan20062021SomàiliaUicipeidÉdith PiafIain N. MacLeòid1868CèileafaidTionndadh Gnìomhachais1662AsarbaideànDi-ArdaoinSeann-GhàidhligÒrChemnitzNa h-Innseachan21 am MàrtBucharestSeumas VI1953Neach-poileataigsGelderlandBeinn EverestCaergybi2010Na h-Eileanan MhoiriseasPòlaisTexasEadar-lìonArabaisGBàn-dheargFelidaeParisA' BhruisealA' Bhealaruis3 an CèiteanRiaghaltas na h-AlbaPrìomh-bhaile1 an t-IucharNa Stàitean Aonaichte1945Leonid BrezhnevPartan tuathal26 an Giblean14 an t-IucharAn UcràinDà-chànanasSealainn NuadhYossi & JaggerFilmThe Beatles1028Springside🡆 More