Cuenca

’S e baile mòr faisg air Teruel ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Cuenca (IPA: kweŋka).

Cuenca
Cuenca Cuenca
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Cuenca
Suidheachadh
Dùthaich Cuenca An Spàinn
Ceàrn Cuenca Cuenca
Sgìre Cuenca Castilla-La Mancha
Co-chomharran 40° 04' 18' Tuath
02° 08' 06' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 61.18 km²
Àireamh-shluaigh 55,428 (2009)
Dlùths 905.98/km²
Àireamh fòn + 34 969
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte aig 946m os cionn ìre na mara, 161km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 660km bho Bharcelona. Tha 55,428 duine a’ fuireach ann an Cuenca. 'S ann ainmeil air feadh an t-saoghail a tha e air sàilleabh na Taighean Crochte (Spàinntisː casas colgadas) a tha nan seasamh os cionn a' bhaile. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Cuenca a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à قونكة (Qūnkatu) ann an Arabais a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh dùn os cionn a'bhaile fhèin, nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Arabach.Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' call an ق (qaf) agus an t-iar-leasachan -tu, a' toirt dhuinn Conca ann an Catalanais agus Cuenca Spàinntis. Tha an fhuaimreag o air atharrachadh dhan dhà-fhoghair ue (/ɔ/ gu /wo/), rud a tha a' tachairt daonnan sa chànan sin.

Eachdraidh

Thathar dhen bheachd gun do ràinig na daoine dhan àite seo o chionn 90,000 bliadhna. B' e na Ceilt-ibearaich a bh' ann mus tug na Ròmaich seilbh air an Spàinn air fadː chandah Lobetum ris aig an àm. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833. Cha do thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach ach aig deireadh Cogadh Sìobhalta na Spàinne air 29 am Màrt 1939, trì latha mus do bhuannaich Francisco Franco.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Cuenca. Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 794mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann:

Cuenca 

Bailtean Co-cheangailte

  • Cuenca  Cuenca
  • Cuenca  L'Aquila
  • Cuenca  Paju
  • Cuenca  Plasencia
  • Cuenca  Ronda

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Cuenca Freumhan an ainmCuenca EachdraidhCuenca Cruinn-eòlasCuenca Bailtean Co-cheangailteCuenca IomraidheanCuenca Ceanglaichean A-machCuencaAn SpàinnBaileBarcelonaCuenca (provincia)IPAMadridMuirSpàinntisTeruel

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Eileamaid cheimigeachHindiCarl BorgstrømJ1078LunnainnAn SpàinnCórdoba, An SpàinnMeur-coise1994An t-ÒgmhiosDerek WalcottAirmeinia26 an GibleanTaghadh Albannach 2007Lios MòrEaglaisComainn & EagrachaidheanImpireachd nan OtomanachNa h-Iomaratan Arabach Aonaichte1945Eadar-lìonAm Muir Meadhan-thìreachCòd Àireamh fòn eadar-nàiseantaBliadhnaTansainiaBangladaisAr-a-mach na FraingeIùgoslaibhiaAdolf Otto Reinhold WindausDi-LuainGàidhligDorasNa h-Eileanan SiarSardainiaMartin Landau1862Còraichean daonna1041Prìomh-mhinistearGualNòs1320anFuath-bìdhGuianaCarolina a TuathCarbad-smùideAonadh RugbaidhDonald TrumpSlàintePoblachdAn t-Suain21 am MàrtIsaac NewtonAm FaoilleachIosraelCearcGYnys-dduDigital Object Identifier24 an Giblean18311918Èirinn (eilean)SasainnAn t-SileAn ÈipheitÀireamh-shluaighOtto von BismarckA' BhealaruisSan FranciscoSpringfield, IllinoisZanzibar41Innis CheithLagh na h-Alba🡆 More