7°16′30″W / 57.113792°N 7.275119°W / 57.113792; -7.275119
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Cruachan.
Cruachan | |
---|---|
Mullach na beinne | |
Àirde (m) | 177 |
Àirde (tr) | 581 |
Àirde rinneach (m) | 58 |
Màthair-mhullaich | Ròineabhal |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (452N 453S) |
Comharradh-clèithe | NF808149 |
Tha e suidhichte ann an ceann a deas Uibhist a Deas. Tha e na laighe ear air a' bhaile Gleann Dail bho Dheas. Tha a' bheinn Ròineabhal san ear-dheas agus Hairtebreac san ear. Sa deas chithear càrn aig cois na beinne a tha clàraichte le Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar agus leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Tha a h-uile coltas ann gun deach a thogail ann an Linn Ùr na Cloiche.
Tha Cruachan 177m (581 troigh) de dh'àirde. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 20 am Faoilleach 2012. Tha an àirde rinneach de 58m a' sgaradh Cruachan bho na beanntan eile agus 's e Ròineabhal a mhàthair-mhullaich. Chan eil air a mullach ach àite feurach le gneiss an siud is an seo, gun dad sònraichte a' comharrachadh a' phuing as àirde. Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. Tha dà loch beag air sliabh an ear na beinne. Tha Cruachan na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Cruachan, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.