7°15′34″W / 57.106738°N 7.259426°W / 57.106738; -7.259426
'S e beinn anns na h-Eileanan Siar, Alba a th' ann an Ròineabhal no Roneval.
Ròineabhal | |
---|---|
Mullach na beinne | |
Àirde (m) | 201 |
Àirde (tr) | 659 |
Àirde rinneach (m) | 152 |
air liosta | Marilyn, HuMP |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Uibhist a Deas |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (31) OS Explorer (453S) |
Comharradh-clèithe | NF816140 |
Tha e suidhichte ann an Uibhist a Deas. Tha e na laige eadar Gleann Dail bho Dheas san iar agus Rubha Mealabhaig san ear ann an ceann a deas an eilein. Tha na beanntan Cruachan agus Hairtebreac faisg air. Iar-dheas air Ròineabhal tha creagan àrda ann ris an canar Rubha Mòr. San iar chithear càrn aig cois na beinne a tha clàraichte le Seirbhis Arc-eolas nan Eilean Siar agus leis a' Choimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba. Tha a h-uile coltas ann gun deach a thogail ann an Linn Ùr na Cloiche.
Tha Ròineabhal 201m (659 troigh) de dh'àirde. Tha e còmhdaichte le mòine agus gneiss. Air mullach na beinne chithear creag mu cheithir meatair air falbh bhon charragh triantanachaidh a tha a' comharrachadh a' phuing as àirde. Bhon an seo gheibhear deagh shealladh air Èirisgeigh. 'S e Marilyn agus HuMP a th' ann. A rèir an "Database of British and Irish hills" rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air àirde na beinne air 28 an Dàmhair 2001. Tha an àirde rinneach de 152m a' sgaradh Ròineabhal bho na beanntan eile. Tha Ròineabhal na laighe ann an àite iomallach, mar sin chan eil slighe ann a leanas gu mullach na beinne.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ròineabhal, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.