Beinn Marilyn

'S e beinn ann am Breatainn a th' ann am Marilyn aig a bheil 150 meatair (492 troigh) de dh'àirde-rinneadh air a' char as lugha agus is coma mun àirde gu lèir neo feartan eile.

Beinn Marilyn
Mapa na Marilyns

Ann an 2015 tha 1,556 Marilyns ann am Breatainn: 1,217 ann an Alba, 176 ann an Sasainn, 158 anns a' Chuimrigh agus còig air Eilean Mhanainn. A bharrachd air sin tha 454 Marilyns ann an Èirinn. Chaidh an liosta a chruinneachadh le Alan Dawson agus sin esan a tha a' toirt cùram air an liosta.

Chaidh an t-ainm "Marilyn" a thàthadh mar ainm geur-bhriathrach gus iomsgaradh a dhèanamh eadar Beinn Rothaich no Munro sa Bheurla agus (Marilyn) Monroe.

'S e cur-seachad a th' ann do luchd-coiseachd agus luchd-streap a bhith a' dìreadh uiread de na Marilyns is a ghabhas agus a' cumail clàr air an adhartas. Canar "peak bagging" air a' chuir-seachad sin. San 13 an Dàmhair 2014 b' e Rob Woodall a' chiad duine a shreap a h-uile Marilyn ann am Breatainn air fad. B' e Eddie Dealtry an dàrna fear a rinn sin.

Tha liosta nam Marilyns a' gabail a-steach 221 Corbetts agus 223 Grahams cuideachd air sgàth 's gu bheil an àirde rinneach aca àird gu leòr.

Liosta Beinn Rothaich Corbetts Grahams Marilyns
eile
a h-uile
Marilyn
Gàidhealtachd a Deas 121 100 93 144 458
Gàidhealtachd a Tuath 78 103 84 127 391
Na h-Eileanan Siar 5 11 25 187 228
A' Ghalldachd 0 7 22 114 143
Alba gu lèir 203 221 223 571 1218

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Beinn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Dùn Èideann226TelebhiseanCànan prògramaidhDasht-e KavirCòd-puistIùdhachdÀrsaidheachdEaglais Chaitligeach1865ArainnAn Innd-InnseInnleadaireachdMarie AntoinettePoilinèis na FraingeCànanachasCalafòrniaNeach-teagaisgCosobho80012na linn RCMarc ParrotInnealMianmarUnion List of Artist NamesGàidhlig ChanadaBreugCòceinInnd-EòrpaisDi-LuainJohannesburgLilongweMariehamnAnailis mhatamataigeachFresgoeGànaSeinneadairSpruisCoirèa a DeasSeumas VII Alba is II ShasainnPoblachd DhoiminiciaA' Ghrèig ÀrsaidhPoblachd na h-ÈireannMìosachan GriogarachGiùlanLochPunnd Sasannach2006FilmJosé Vicente ConchaBall-coise Aimearaganach21mh Linn21 an t-Iuchar26 am FaoilleachLagh10 am FaoilleachGaisgeachPrahova (Siorrachd)Afraga a DeasEl Aaiún750Easbaig1468An EilbheisTomás HerreraCeòl1626EachdraidhAn EadailtCanadaAstràilia a DeasCleasaicheAchadh na FeàrnaNa h-AimearaganPàipear-èibhinn10 am Màrt🡆 More