B' e ceimigear agus luchd-saidheans cognatach à Sasainn a bha ann an Christopher Longuet-Higgins.
Christopher Longuet-Higgins | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Kent (en) , 11 dhen Ghiblean 1923 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | 27 dhen Mhàrt 2004 |
Foghlam | |
Foghlam | Colaiste Balliol Colaiste Winchester Oilthigh Oxford |
Stiùiriche an teusais | Charles Coulson (en) |
Oileanaich dotaireachd | Peter Higgs Geoffrey Hinton (en) Mark Steedman (en) Mark Child (en) David Willshaw (en) Graeme Ritchie (en) Philip Bunker (en) Richard Power (en) John Norman Murrell (en) Geoffrey Chester (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | theoretical chemist (en) agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Wolfson College (en) Colaiste an Rìgh ann an Lunnainn Oilthigh Sussex Oilthigh Dhùn Èideann |
Duaisean a fhuaras | liosta
|
Ballrachd | An Comann Rìoghail Acadamh Nàiseanta nan Saidheans Acadamh Eadar-nàiseanta Saidheans nam Moileciuilean Quantum Comann Rìoghail Dhùn Èideann Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans |
Rugadh e ann an Lenham, Kent ann an 1923 agus bha e na sgoilear agus na bhall a' chòisire-ciùil aig Colaiste Winchester aig an aon àm ri Freeman Dyson, James Lighthill (a bhiodh cudromach ann an eachdraidh tuigse inntealta) agus a bhràthair Michael Longuet-Higgins. Chaochail e ann an 2004.
Nuair a bha e na fho-cheumnaiche ann an Oilthigh Oxford, dhearbhaich e an structar dà-bhòrain agus lorg siostam ùr thathaidh cheimigeach còmhla ri an oide aige, Ronnie Bell. Sgrìobh e an tràchdas aige, Some problems in theoretical chemistry by the method of molecular orbitals an sin fo Charles Coulson. An dèidh do bhliadhna ann an Chicago chaidh e na ollamh ann an Colaiste an Rìgh, Lunnainn ann an 1952 agus Oilthigh Chambridge ann an 1954.
Stèidhich e an roinn tuigse inntealta ann an Oilthigh Dhùn Èideann còmhla ri Dòmhnall Michie agus Richard Gregory ann an 1967 agus dh'imrich e dhan Oilthigh Shussex ann an 1974 an dèidh an aithris Lighthill. Bha ùidh mhòr aige ann an ceòl agus thug e dealbh air binneas agus co-chèol len spàs tònail aige far a bheil nòta faisg air na nòtaichean còigeach agus treasach a-mach ach nas fhaide o na nàbhaidhean air a' phiàna.
Bhuannaich e Duais Cuimhneachan Harrison on Chomainn Cheimigeach (a-nise Comann Rìoghail na Cheimigeachd) ann an 1950. Chaidh an Duais Longuet-Higgins, a thoirear airson pàipearan ann an lèirsinn coimpiutair, ainmicheadh air.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Christopher Longuet-Higgins, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.