Aithris Lighthill

B' e aithris a choimiseanaich an Comhairle-rannsachaidh Saidheans leis an tiotal Artificial Intelligence: A General Survey ('Tuigse Inntealta: Suirbhidh Choitcheann') a bha anns an Aithris Lighthill.

Lean an aithris eas-aonta eadar na luchd-rannsachaidh anns an Roinn Tuigse is Lèirsinn Inneil aig Oilthigh Dhùn Èideann is chaidh James Lighthill a choimiseanachadh an aithris a sgrìobhadh. Ged nach e eòlaiche ann an tuigse inntealta ach ann am meacanaigs stuth sruthach a bh' ann, bha e na charaid do Christopher Longuet-Higgins a stiùir buidheann rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Ged nach e beachd phearsanta a bh' ann a rèir Lighthill fhèin, bha buaidh mhòr air rannsachadh ann an tuigse inntealta anns an Rìoghachd Aonaichte. Mhol e obair ann am fèin-obrachas (roinn-seòrsa A a rèir na h-aithrise) agus ann am modaileadh cuairt nan lèithean (roinn-seòrsa C) ach dh'ailisich e obair ann an robotaireachd, pròiseasadh cànain nàdarra agus ann an reusanachadh (roinn-seòrsa B), is e eadhon a' sgrìobhadh mu past disappointments ('brisidhean-dùil san àm a dh'fhalbh').

Dh'fhoillsich an Comhairle-rannsachaidh Saidheans an t-suirbhidh còmhla ri freagairtean o Christopher Longuet-Higgins, Stuart Sutherland aig Oilthigh Shussex, a mhol gum bu chòir oileanach tuigse inntealta ionnsachaidh anns na Stàitean Aonaichte, Roger Needham agus Donald Michie, a dh'ailisich an suirbhidh, a sheòrsachadh rannsachaidh, agus dhìomol Lighthill air sgàth 's nach do chuir e comhairle ri eòlaichean às na Stàitean Aonaichte.

Iomraidhean

Tags:

Christopher Longuet-HigginsOilthigh Dhùn ÈideannTuigse inntealta

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

CoireaCeòlAfragaBreatainn MhòrNa Stàitean AonaichteCogaidhean na Croise4 an t-ÒgmhiosMarie AntoinetteEartra2 an Gearran1627Sasainn1520An AetiòpLeabharlann Nàiseanta Poblachd na SeiceSudanJohn MuirChubutCànanCastelló (roinn)ZCarles Puigdemont i CasamajóEachdraidhGreugaisMadadh-cuainÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteMatamataigearBogotáEacuadorHermann HesseCruitMìosachan GriogarachFiadh12 an t-ÒgmhiosGiùlanTorontoFraingisBocsaRìgh Juan Carlos I na SpàinnePoilisacaraidRaibeart I na h-AlbaMisael Pastrana BorreroDeimosLunnainnSeleniumCorp-eòlasWiki CommonsCroitearachdMonacoImmanuel KantCòrn Sasannach12 an Giblean30 an t-Sultain19 an GearranPoblachd na SìneVirginiaGnothachasEl Salbhador193415 am FaoilleachGealachOInnis TìleAdolf Hitler20 an LùnastalEadar-lìon🡆 More