Ar-A-Mach Na Càisge

B' e tachartas cudromach ann an eachdraidh na h-Èireann a bh' ann an Ar-a-mach na Càisge (Éirí Amach na Cásca ann an Gàidhlig na h-Èireann, Easter Rising sa Bheurla).

Thachair an t-ar-a-mach rè seachdain na Càisge ann an 1916. Thòisich e air Diluain na Càisge, 24 An Giblean 1916. An t-amas a bh’ aig na reubalaich, b’ e Èirinn a bhith ’na poblachd, neo-eisimeileach bhon Rìoghachd Aonaichte. Aig an àm seo, bha an Rìoghachd Aonaichte 'n sàs anns a’ Chogadh Mhòr. B' e sin an t-ar-a-mach a bu chudromaiche ann an Èireann bhon ar-a-mach ann an 1798.

Cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail, agus chaidh na cinn-feadhna a chur gu prìosan is mu dheireadh thall gu bàs: Seumas Ó Conghaile, Pàdraig Pearse, Thomas MacDonagh, Eamonn Ceannt, Sean MacDiarmada, is deichnear eile. Ged nach do shoirbhich iad, b' i bun-stèidh cudromach a bh' anns an ar-a-mach airson oidhirpean eile anns an àm ri teachd.

Ar-a-mach na Càisge ann an Litreachas is Ealain

Bha cuid de na cinn-feadhna nan sgrìobhadairean: Pàdraig Pearse, Seumas Ò Conghaile, Thomas MacDonagh, Joseph Plunkett, agus Roger Casement.

Sgrìobh am bàrd Èireannach Uilleam Butler Yeats dàn ainmeil, "Easter 1916".

Bha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a' toirt spèis mhòr do Sheumas Ó Conghaile, mar a chithear anns na dàin aige: "Àird-Mhusaeum na h-Èireann".

Tùsan

  • Kirsty Lusk agus Willy Maley (deas.): Scotland and the Easter Rising (Luath Press, Dùn Èideann, 2016). Beurla.

Tags:

An Cogadh MòrAn Rìoghachd Aonaichte

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

StaitistearachdCailein T. MacCoinnichPaul KarrerAlexei NavalnyJosé Vicente ConchaIntegrated Authority FilePoileataigsAn AetiòpJaén (provincia)CanadaAonachVáclav HavelEòlas-inntinn14 an LùnastalVirginiaUisgeFiadhIomadachadhGebze1850SileadhCuan Sèimh3 an CèiteanAiltireachdRuisisAchd na Gàidhlig 20051520ÀrsaidheachdAirgead (malairt)2 an GearranLunnainn1956AfragaA' ChuimrighGàidhligNìgeiriaNa Stàitean AonaichteAn ÀithneMadadh-cuain1260anLucsamburgErwin Schrödinger19 an DùbhlachdPagastànNeach-poileataigsMonacoWiki Commons633CoireaSvalbardStefania TurkewichCòrn Sasannach19 an GearranLiosta dhaoine às a' ChuimrighMìosachanAimearaga a TuathAn t-SuainHermann Hesse9 an Lùnastal28 am MàrtSaidheans PoileataigeachChubut1934John Paul JonesCoimpiutaireachdDonostiaTaigh na h-UiseigCoimpiutairHTMLBogotáProbhaistFreetown🡆 More