An Gearasdan

Is e An Gearasdan (Fort William sa Bheurla, ainmeachadh airson an Rìgh Uilleam III Shasainn is II Alba) prìomh-bhaile Loch Abar agus, còmhla ris an Òban, aon de'n dà bhaile as motha anns a' Ghàidhealtachd an Iar.

An Gearasdan
An Gearasdan
Suidheachadh
An Gearasdan is located in Alba
An Gearasdan
An Gearasdan (Alba)
Dùthaich An Gearasdan Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Parraist An Gearasdan
Co-chomharran 56° 49′ Tuath
5° 6′ Iar
Comharradh-clèithe NN105741
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 9,908 (2001)
Àireamh fòn 01397
Còd-puist PH33
Duilleag oifigeil Tadhal An Gearasdan

Tha e na cheann-uidhe coiteanta airson làithean-saora agus, a' tighinn an dèidh Dùn Èideann, thatar ag ràdh gur e an dara ceann-uidhe turasachd ann an Alba. Bithidh sluagh a' bhaile a' dùblachadh as t-samhradh air sgàth uidhir a luchd-turais a bhitheas a' tighinn a-steach.

A' Ghàidhlig

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail sa Ghearasdan/Loch Abar sna bliadhnaichean 1922, 1927, 1932, 1981, 1985, 1999, 2007 agus 2017. Thòisich Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, bun-sgoil làn-Ghàidhlig, sa bhliadhna 2015 ann an togalach ùr air Rathad Àird Dhobhair.

Bha Gàidhlig aig 726 daoine, 7.33%, ann an 2001.

Cruinn-eòlas

Tha An Gearasdan a' gabhail a-staigh na bailtean beaga Caol, Clagan, is Inbhir Lòchaidh, agus tha e faisg air a' chlachan croitearachd Blàr mac Faoilteach, agus na bailtean beaga, Drochaid an Aonachain agus Omhanaich.

Tha am baile air an rathad A82 eadar Glaschu agus Inbhir Nis, agus cuideachd far an tòisich Rathad nan Eilean, a dh'ionnsaigh Malaig is nan eileanan.

Tha An Gearasdan ainmeil mar am baile aig cas Beinn Nibheis, am beinn as àirde ann an Alba agus, (ann am Monadh Dhruim Uachdair), ach tha mòran bheanntan eile mun cuairt air a' bhaile; mar Meall an t-Suidhe, agus am monadh mu thuath, Druim Fada.

Tha am baile air oisean dà loch — Loch Iall agus An Linne Dhubh.

Eachdraidh

Tha An Gearasdan am meadhan dùthaich Clann Chamshron, agus chaidh an "gearasdan", no daingneach, a shuidheachadh gu tùsail a chumail nan Gaidheal fodha an dèidh an ar-a-mach Seumasach.

Bha baile beag nas tràithe ann aig Inbhir Lòchaidh, làrach a' bhlàir ainmeil, Cath Inbhir Lòchaidh.

Ceanglaichean a-mach

Ghearasdan]

Leughadair

Iomraidhean

Tags:

An Gearasdan A GhàidhligAn Gearasdan Cruinn-eòlasAn Gearasdan EachdraidhAn Gearasdan Ceanglaichean a-machAn Gearasdan IomraidheanAn GearasdanAn t-ÒbanBeurlaGàidhealtachd na h-AlbaLoch AbarUilleam III Shasainn is II Alba

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1185Achadh MuthaichNollaigKFacalAn Rìoghachd AonaichteMuir ÅlandDi-Dòmhnaich19481797MBristolIsaac NewtonGJoy DunlopCrùn na CastillaCocairixSaarland2001Brabhsair-lìnCarraig FhearghaisRody Gorman2019Beul Feirste1999Pàpa Pius VRoinn-tìdePrìomh-mhinistear na Rìoghachd AonaichteAn Caisteal NuadhGnothachasBladeeSgairinisFiodh15 an LùnastalPrìomh-bhaileAn t-SileÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte176730an RCCill DaraPalastainNeach-poileataigsFaoileagCotonouD25 an Giblean1493Prìomh-DhuilleagAn t-Impireachd BheasantianDi-LuainCearcTarja HalonenAdolf HitlerLagh na h-Alba20 an DàmhairGreugaisBeanColaisde na GàidhligCrónica de una Muerte AnunciadaDeuchainn-lannDeachdaire1789Na h-Eileanan SiarAstràiliaCruit-rothaLinn na DeigheJack Lemmon1862StaitistearachdNa GlaschnoicSchaffhausen (Kanton)Am Muir Meadhan-thìreach🡆 More