Clann Chamshron

'S e Clann Chamshron aon de na cinnidhean as sìne ann an Alba, le fearann dualchasach ann an Loch Abar.

Clann Chamshron
Ìomhaigh Clann Chamshron

Meuran

'S e prìomh mheur a' chinnidh Loch Iall, agus is iad na fineachan eile Eireachd (le prìomh-athair Eòghann Camshron), Na Cluainean, Gleann Nibheis, agus Am Fasadh Feàrna.

Tha caochladh bheachdan air tùs a' chinnidh. 'S e aon bheachd gun do tàinig an sliochd bho bhall Theaghlagh Rìoghail an Danmhairg, fear le sròn cam agus, mar sin, leis an leth-ainm Cam-shròn; 's e beachd eile gun do tàinig an sliochd à Fìobh agus gun d' fhuair iad an sloinneadh bho ainm sgìre an sin.

Anns na meadhan-aoisean, dh' aonaich na Camshronaich le trì cinnidhean eile, 's e sin MacMhàrtainn à Leitir Fhionnlaigh, MacGhillOnfhaidh às an t-Sròin agus MacShomairle à Gleann Nibheis.

Ceann-cinnidh

'Se ainm traidiseanta a' ceann-feadhna Mac Dhòmhnaill Dhuibh (an t-ainm air tighinn bho' n t-sinnsear Dòmhnall Dubh (rugadh 1400), a' chiad cheann-feadhna air a bheilear cinnteach), no Loch Iall (bho' n loch a tha faisg air cathair a' chinnidh, Caisteal Achadh na Cairigh), a tha fhathast na àite-fuirich do Loch Iall.

O thùs, b' e Tòrr a' Chaisteil cathair a' chinnidh. Chaidh a leagail le Eòghann Dubh Camshron, a thog Caisteal Achadh na Cairigh ann an 1655. Chaidh Achadh na Cairigh a lasadh leis na Hanoverians. Chaidh 'ath-thogadh le Dòmhnall Camshron ann an 1802.

Eachdraidh a' chinnidh

B' e sluagh-ghairm a' chinnidh Chlanna nan con thigibh a seo is gheibh sibh feòil, agus am facal-suaicheantais Aonaibh Ri Chèile.

Coltach ris a' mhòr-chuid de chinneadhan Gàidhealach, bha Clann Chamshron an sàs ann am mòran cathannan troimh na linntean, mòran dhiubh an aghaidh an nàimhdean Clann an Tòisich. Gidheadh, shabaid iad leis a' chinneadh sin an aghaidh Clann Dòmhnaill aig Blàr Inbhir Lochaidh ann an 1431.

Shabaid na Camshronaich fo Eòghann Camshron aig Blàr Coille Chnagaidh ann an 1689.

Ri linn Cogaidhean an Neo-eisimeileachd anns a' cheathramh linn deug, thathar a' creidsinn gun do shabaid Clann Chamshron air taobh Rìgh Raibeart am Brus an aghaidh nan Sasannach. Cuideachd, bha Clann Chamshron air taobh nan Seumasaich aig Prestonpans, Blàr na h-Eaglaise Brice (1746), agus Blàr Chùil Lodair. As dèidh Chùil Lodair, ghabh an ceann-feadhna, Dòmhnall Camshron, Gentle Lochiel, tèarmann anns an Fhraing, far an do chaochail e ann an 1748.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Clann Chamshron MeuranClann Chamshron Ceann-cinnidhClann Chamshron Eachdraidh a chinnidhClann Chamshron IomraidheanClann Chamshron Ceanglaichean a-machClann ChamshronAlbaLoch Abar

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Paul KrugmanUlf von EulerCumhachd-uisge1934KulturNavFeurBeusCriopton1938Shmuel Yosef AgnonCoimpiutaireachdBernePicsealGeorgia (stàit)GeòlasFranklin D. Roosevelt36317431925Fàsach RynAn FhraingMuirSeattle, Washington7 an GearranOregonPeppa PigBaile a' ChuilinnPopGAfraga-EoràisiaWiesbadenRìoghachd nan Tìrean ÌsleFloridaAtharrachadh na Gnàth-shìde7 an DàmhairMuncaidhNa h-Eileanan FilipineachEaglais Ìosa Chrìost de Naoimh an Latha mu DheireadhMalaidhsiaSystème universitaire de documentation1429Làrach Dualchas na CruinneIosraelA' Bheurla GhalldaCalbhanaichÒranClàr pillteach23 an CèiteanHTML1809Eòlas-inntinnHong KongAmy WinehouseKinshasaCòinneachVirtual International Authority File18651963Cair LuailIasgachPort Rìgh2020anNaomh Bhionsant agus Eileanan GreanadachEarra-GhàidhealAm Muir CaraibeachEasbaigHumza YousafNapoléon BonaparteDreuchdanEabhraig Nuadh (baile)An t-Aonadh Eòrpach1996Limoges🡆 More