Ùr-Sgeul

'S e iomairt-foillseachaidh neo-eisimeileach a bh' ann an Ùr-Sgeul, le cuideam air rosg Gàidhlig ùr.

Ùr-Sgeul
iomhaigh Ùr-Sgeul

Eachdraidh

Chaidh Ùr-Sgeul a chur air bhonn ann an 2003 gus rosg Gàidhlig ùr a bhrosnachadh. 'S e Comhairle nan Leabhraichean a chur air chois an iomairt, le taic-airgid £50k tro Chomhairle nan Ealain (an Writers Factory). Ann an ùine ghoirid, dh'fhoillsich an iomairt leabhraichean Gàidhlig ùra bho dhiofar sgrìobhadairean agus thug e taic do ath-nuadhachadh an nobhail ann an Gàidhlig san 21mh Linn.


Bhuannaich a' chiad leabhar a nochd anns an sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, duais an Saltire Society airson 'First Book of the Year', ann an 2003. A-measg nan leabhraichean eile a chaidh fhoillseachadh, tha an nobhail mhòr, An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Chaidh seo air an liosta ghoirid airson prìomh dhuais-litreachais an Saltire Society an 2004.

Ann an 2008, chaidh sùil a thoirt air Ùr-Sgeul tro phrògram-telebhisein fon sreath Ealtainn air BBC 2.

Dh'fhoillsich Ùr-Sgeul a' chiad leabhar ficsean Gearmailtis-Gàidhlig (Der Schadel von Damien Hirst), deasaichte le Mìcheal Klevenhaus, aig cur air bhog ann am Bonn, sa Ghearmailt, aig FilmAlba ann an 2009.

Bhuannaich Fionnlagh MacLeòid a' chiad duais litreachais Dhòmhnaill Meek, aig tachartas aig Fèis Leabhraichean Eadar Nàiseanta Dhùn Èideann ann an 2010, airson leabhar Ùr-Sgeul Gormshuil an Righ, a' chiad nobhail aige do dh'inbhich.

Ann an 2011, chaidh Saorsa - cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid le 13 sgrìobhadairean - fhoillseachadh.

Rinn am pàipear-naidheachd The Irish Times sgrùdadh beag air Ùr-Sgeul agus ficsean Gàidhlig ann an 2014.

Dòighean eadar-dhealaichte

Bha Ùr-Sgeul a' feuchainn ri dòighean ùra eadar-dhealaichte a chleachdadh gus litreachas Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Ann an 2008, dh'fhoillsich Ùr-sgeul clàr le ceòl ròc agus rosg a' tighinn còmhla, nuair a rinn iad CD le òran bhon chòmhlan-ciùil Na Gathan, fon ainm Ruigidh Sinn Mars. Bha tri sgeulachdan bho triùir sgrìobhadairean eadar-dhealaichte: Iain MacIlleathain, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Seonaidh Adams, air an CD seo. Bha na sgeulachdan air an CD air an toirt bho leabhraichean a chaidh fhoillseachadh le Ùr-Sgeul ann an 2008, le deasachadh sònraichte dhen leabhraichean ann an 2009 (aon leabhar le còmhdach-cruaidh), fon ainm An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. 'S iad na sgriobhadairean eile a tha a' nochdadh sa leabhar: Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), Màiri E. NicLeòid, Pàdraig MacAoidh, Mìcheal Klevenhaus, Mona Claudia Striewe, Alison Lang, Dòmhnall Iain MacÌomhair, Cairistìona Stone, Steafan MacRisnidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Iain Cuimeanach, Màiri NicAmhlaidh Dùn Èideann, Ishi NicIlleathain, Maoilios Caimbeul, Des Scholes, Charles Tripp, Màiri Flòraidh Nic a' Phiocair agus Catrìona Lexy Chaimbeul.

A rèir an neach-naidheachd Alasdair H. Caimbeul ann an 2020, "chuir Ùr-Sgeul sgrìobhadh Gàidhlig fa chomhair an t-sluaigh ann an Alba tro innleachdan margaidheachd a bha lèirsinneach agus cruthachail."

Leudachadh

Ann an 2008, chaidh Ùr-Sgeul gu Bòrd na Gàidhlig le iarrtas airson neach-deasachaidh, gus dèiligeadh ris an leasachadh a bha air tighinn ann an rosg. Cha deach le Ùr-Sgeul agus ann an 2012, chan eil neach-deasachaidh làn-ùine fhathast ann.

Leabhraichean

Leabhraichean-èisteachd

Foillsichean eile

  • Claigeann Damien Hirst le Na Gathan - CD, 2009
  • Ruigidh Sinn Mars le Na Gathan - CD, 2008

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Ùr-Sgeul EachdraidhÙr-Sgeul Dòighean eadar-dhealaichteÙr-Sgeul LeudachadhÙr-Sgeul LeabhraicheanÙr-Sgeul Leabhraichean-èisteachdÙr-Sgeul Foillsichean eileÙr-Sgeul IomraidheanÙr-Sgeul Ceanglaichean a-machÙr-SgeulGàidhligRosg

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BIBSYS194113 an GibleanNa h-Eileanan FàroAbhainn FhiodhaichLIBRISCreideamhLunnainnCruinn-eòlasBliadhna-leumSeòras III1974GnothachasVirginiaAn UngairUicipeidOgsaideanEarra-GhàidhealTUCFìleamSydneyEòlas-inntinnWeilburgCànanSystème universitaire de documentationFranklin D. RooseveltRuisisAm Muir BaltachDruim na DrochaidMìosachanCorp-eòlasDuais Nobel ann an LeigheasFriedrich EngelsEaglais Ìosa Chrìost de Naoimh an Latha mu DheireadhMacauCSSA' PhruisLus1895Na Stàitean AonaichteAn t-Eilean SgitheanachSpeactram an t-SolaisEòlas-leighisAn t-Aonadh Eòrpach10 an GearranNirribhidhAn Ear-thuath a DeasPoblachd na Sìne1616Ceann-fionnArthur Balfour7 an DàmhairIùdaisIMDb1675IasgachMosgo2006Ingmar BergmanSiorrachd PheairtInnleadaireachdJohn TravoltaDathCòinneachIain Eairdsidh MacAsgaillLorna SlaterNa h-Aimearagan11 an t-Samhain19752009Baile a' ChuilinnRaymond Burr1845143431 am MàrtGeòlas🡆 More