'S e prìomh sgrìobhadair rosg Gàidhlig an fhicheadamh linn a bh' ann an Tormod Caimbeul (1942 - 2015).
Tormod Caimbeul | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dail bho Dheas, 7 dhen Dàmhair 1942 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 2 dhen Chèitean 2015 |
Teaghlach | |
Athair | Aonghas Caimbeul |
Clann | liosta |
Bràithrean ⁊ peathraichean | liosta |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann Colaiste Chnoc Iòrdain |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, neach-teagaisg, bàrd agus eadar-theangair |
Àitichean-obrach | Alba |
Rugadh Tormod Caimbeul (Tormod a’ Bhocsair) ann an Dail bho Dheas, Eilean Leòdhais, ann an 1942. Bha e na sgrìobhadair aig Comhairle nan Eilean agus aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. Dh’eadar-theangaich Tormod Caimbeul iomadh leabhar cloinne gu Gàidhlig.
Chaochail e air 2 an Cèitean 2015 aig aois 72. Bha e a' fulang le aillse.
Bha athair, Aonghas Caimbeul (Am Bocsair), agus uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean), na bhàird ainmeil agus tha a bhràthair, Alasdair Caimbeul (Alasdair a’ Bhocsair), na sgrìobhadair cuideachd. 'S e sgrìobhaiche-dràma agus rosg a th’ ann a nighean, Catrìona Lexy Chaimbeul.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Tormod Caimbeul, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.