Tormod Macgill-Eain

'S e neach-ciùil, pìobaire, bàrd, sgeulaiche, ùghdar, cleasaiche, craoladair agus stand-up a bh' ann an Tormod MacGill-Eain (Beurla: Norman MacLean; 1936–2017).

Tormod MacGill-Eain
Beatha
Breith Glaschu, 26 dhen Dùbhlachd 1936
Dùthaich Tormod Macgill-Eain Alba
Bàs 31 dhen Lùnastal 2017
Foghlam
Foghlam Acadamh Bellahouston
Oilthigh Ghlaschu
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, comaig stand-up, seinneadair, pìobaire, neach-teagaisg, preasantair telebhisein agus actair telebhisein
Gnè ealain bàrdachd
Inneal-ciùil guth

Anns aʼ bhliadhna 1967, choisinn e an dà chuid Crùn na Bàrdachd agus Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich aig aʼ Mhòd Nàiseanta, an aon duine riamh a rinn sin. Bha prògram telebhisean aige fhéin, air an robh Tormod air an Telly, far an do rinn e spòrs is fealla-dhà agus tha e gu math ainmeil air feadh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd.

Beatha

Rugadh e ann an 1936 ann an Glaschu do theaghlach eileanach ann an Glaschu. Thogadh e còmhla ri càirdean ann an Grìminis, Beinn na Faoghla, anns an t-Srathan, aig Ceann Loch Airceig ann an Loch Abar, far an robh bràthair a sheanmhar na chìobair, agus an uairsin ann an Uibhist.

Às dèidh foghlaim oilthigh, chaidh e a theagasg ann an Glaschu agus anns an Òban. Bha e cuideachd a' dol air feadh na dùthcha mar sheinneadair 's fear-ciùil pàirt-ùine.

Chuir e na bliadhnaichean mu dheireadh de a bheatha seachad ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. Bha e 80 bliadhna a dh'aois nuair a chaochail e ann an 2017.

Obair anns na Meadhanan

B' ann anns an 1970an a choisinn e cliù anns na meadhanan leis a' phrògram Tormod air Telly - a' chiad phrògram comadaidh Ghàidhlig. Sa phrògram, sgrìobh e agus bha e ri cleasachd ann an sgeidsichean èibhinn, a bharrachd air a bhith a' seinn agus ag innse sgeulachdan. Thathas ag ràdh nach b' aon uair a chaidh banais a stad ach am faiceadh na bha an làthair Tormod air an telebhisean.

Bho na 1970an gus na 1990an, bha fèill mhòr aig cuirmean air feadh na dùthcha. Air an àrd-ùrlar, bhiodh e ri fealla-dhà, seinn agus ceòl. Thug e a-mach clàran de chomadaidh agus seinn.

Sgrìobhadh

Bha e air ceithir leabhraichean a sgrìobhadh sa Ghàidhlig: Keino, Cumhnantan agus, fon tionnsgnadh Ùr-Sgeul, Dacha mo Ghaoil agus Slaightearan. Tha a' chiad fhear mu dheidhinn féis agus adhaltranas, agus an dàrna fear mu dheidhinn nam meadhanan Gàidhlig. Ann an 2009, nochd eachdraidh-beatha ann an clò, The Leper's Bell, sgrìobhte sa Bheurla a-mhàin.

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Tags:

Tormod Macgill-Eain BeathaTormod Macgill-Eain Obair anns na MeadhananTormod Macgill-Eain SgrìobhadhTormod Macgill-Eain Ceanglaichean a-machTormod Macgill-Eain IomraidheanTormod Macgill-EainBeurlaBàrdCraoladairNeach-ciùil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

EalainRubhandaÌosa CrìosdÀirde2004Eadar-lìonThessaloniki20mh LinnEun-turaisFelipe González Márquez11 an DùbhlachdLouis PasteurAn Lùnastal1863DenverTeàrlach IIStuttgartMuir Cairibianach1980an1992IslamabadAiltireachdSaideal fuadainLoreena McKennittGearradh-armAn TàinistearFòn12 an Dùbhlachd1724LaghAchadh na FeàrnaPoblachd DhoiminiciaHampshire NuadhAntalopApaAn Laitbhe1996IeremiahBànrigh Ealasaid IIAn Eilbheis1882FilmAn Caisteal Nuadh, A' Chuimrigh Nuadh o Deas31 an t-Iuchar1120Eartra19271865Co-aonta Warszawa3 an GibleanLideAn Innd-InnseGeorge H. W. BushLaideannLiotuàiniaBliadhna-leumInnleadaireachdAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannNa h-Eileanan CanàrachPoblachd na CròthaiseSeanailearIosif Stalin4 an t-Ògmhios5 an t-ÒgmhiosÀiteachasGiniBerneEadailtis10 an t-ÒgmhiosLeabharUruguaidh🡆 More