Aonghas Pàdraig Caimbeul

'S ann às an Leth Mheadhanach ann an Uibhist a Deas a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas).

Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-sgoil an Òbain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, Iain Mac a' Ghobhainn, nach maireann.

Aonghas Pàdraig Caimbeul
Beatha
Breith An Leth Mheadhanach, dhen Ghiblean 1952
Dùthaich Aonghas Pàdraig Caimbeul Alba
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann : poileataigeachd, eachdraidh
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair agus actair
Gnè ealain bàrdachd
IMDb nm2338032

Foghlam

Chaidh Aonghas Pàdraig an uairsin gu Oilthigh Dhùn Èideann, far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho Shomhairle MacGill-Eain, a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.

As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun a’ BhBC agus gu Telebhisean Ghrampian.

Litreachas

Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach. Ann an 2001 chaidh urram Crùn na Bàrdachd a thoirt dha leis a' Chomunn Ghàidhealach aig Mòd nan Eilean Siar, agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùiteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha dreuchd Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn aig Roinn na Gàidhealtachd air a bhith aige cuideachd.

Aon uair, chluich e ball-coise ann an Cuach na h-Alba aig Pàirce Hampden an aghaidh Queen's Park. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fheàrr leis Lev Tolstoj, George Eliot, Gabriel Garcia Marquez, agus ’s e Alex Cropley aig Hibs an cluicheadair ball-coise as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.

Leabhar-chlàr

  • Tilleadh Dhachaigh, nobhail, Ùr-sgeul, 2009
  • An Taigh-samhraidh, nobhail, Ùr-sgeul, 2007
  • Meas air Chrannaibh, bàrdachd, Acair, 2007
  • Invisible Islands, sgeulachdan goirid (Beurla), Otago Publishing, 2006
  • Là a' Dèanamh Sgèil Do Là, nobhail, Ùr-sgeul, 2005
  • An Oidhche Mus Do Sheòil Sinn, nobhail, Ùr-sgeul, 2003
  • One Road, bàrdachd, 1998
  • The Greatest Gift, bàrdachd, 1992
  • Agus grunn leabhraichean-cloinne - còig nobhailean goirid airson nan sgoiltean nam measg
  • Campbell, Angus Peter 'Alasdair's Joyous Display of Verbal Magic' ann an Camille Dressler & D. W. Stiùbhart (deas.) Alexander MacDonald: Bard of the Gaelic Enlightenment / Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Bàrd an t-Soillearachaidh Ghàidhealach Kershader, Isle of Lewis: Islands Book Trust, 2012, dd.63-69.

Film agus telebhisean

  • Seachd, 2007
  • Grampian TV
  • BBC ALBA
  • Agus grunn phrògraman agus iomairtean eile

Pàipearan-naidheachd agus irisean

  • Am Pàipear Beag, colbh Gàidhlig, 2005+
  • An Gàidheal Ùr, colbh Gàidhlig, 2005- Màrt 2009
  • An t-Albannach, 2001 agus 2003
  • Gath 2005-2007
  • Agus grunn phàipearan-naidheachd agus irisean eile

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Aonghas Pàdraig Caimbeul FoghlamAonghas Pàdraig Caimbeul LitreachasAonghas Pàdraig Caimbeul Leabhar-chlàrAonghas Pàdraig Caimbeul Film agus telebhiseanAonghas Pàdraig Caimbeul Pàipearan-naidheachd agus iriseanAonghas Pàdraig Caimbeul Ceanglaichean a-machAonghas Pàdraig CaimbeulIain Mac a' GhobhainnUibhist a Deas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Mìle-bliadhna16 an t-IucharAn IapanFìdheallEun-turaisIolraEl AaiúnGàidhlig ChanadaSlàinteRaon GhàsaSoillseachadh1934Gàna31 an t-IucharBarcelonaDigital Object IdentifierPalastainCeòlJosé Vicente ConchaTaylor SwiftIslamabadAiltireachdVilniusAn Rìoghachd AonaichteMontanaLilongweBall-coiseSgoil21 an t-ÒgmhiosTeicneòlasMartin Luther King, Jr.Boston, MassachusettsAn t-Aonadh EòrpachDomingo Caycedo SantamaríaGall-GhàidhealaibhAn Argantain1941Prìomh-mhinistearÀrsaidheachd13513 an LùnastalAstràilia a DeasSingeapòrDealan-spèidCraobhTeàrlach II1878IaguarAn Innd-InnsePrìosanGrover Cleveland20mh Linn1926Carles Puigdemont i CasamajóMosg3901950Innd-EòrpaisLeabhar-eòlaisSan Francisco27 an GearranAibidilMatamataigCòcein20213 an t-IucharIorànNicosia1665TràilleachdSan Antonio, TexasSalvatore QuasimodoAmòinia2016🡆 More