'S e baile beag faisg air Kharkiv agus Sumy air an àirde an iar-thuath na h-Ucràine a th' ann an Trostianets (Ucràinis: Тростянець, Pòlais: Trościaniec, IPA: trosʲtʲɐˈnɛt͡sʲ).
Trostianets Тростянець
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Sumska Oblast | ||||
Sgìre | Trostianetskyi Raion | ||||
Co-chomharran | 50° 28 27' Tuath 34° 57 43' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 7.16 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 20,638 (2021) | ||||
Dlùths | 2,882.4/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 5458 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Boromlya, san roinn Sumska Oblast agus tha 20,638 duine a' fuireach ann.
Chaidh Trostianets a stèidheachadh uaireigin sa chiad leth dhen 17mh Linn. Ann an 1833, thog Ivan Skoropadski lùchairt fiodha roghainneil agus pàirc a chithear ann chun an latha an-diugh. Tha an lùchairt air a bhith fo chùram Acadamaidh Saidheansan SSR na h-Ucràine o 1951, agus chuireadh air dòigh arboretum ann. Chaidh stèisean rèile fhosgladh ann an Smorodyne, air an taobh sear a' bhaile ann an 1877, a cheangail Trostianets ri Kharkiv agus Sumy. Ann an 1930, thòisicheadh pàipear-naidheachd fhoillseachadh sa bhaile. Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943. Chruthaicheadh A' Chiad Bhragàd Eachraidh Neo-eisimeileach Warszawa (Pòlais: 1 Warszawska Samodzielna Brygada Kawalerii) an seo as t-earrach 1944. Aig toiseach tòisichidh ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, chaidh ionnsaigh a thoirt air Trostianets - ann an suidheachadh ro-innleachdail eadar na bailtean mòra Sumy agus Kharkiv - le feachdan Mhosgo agus chaidh a ghlacadh air 1 am Màrt 2022. Chaidh am baile a shaoradh air 26 am Màrt 2022. Mar thoradh air an t-sabaid fòirneartach, chaidh milleadh mòr air dachaighean agus bun-structair a chlàradh.
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Trostianets a' bruidhinn (98.52%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (1.48%). Ann an 1975, bha mu 20,700 mìle duine a' fuireach ann, mòran dhuibh ag obair ann am factaraidh siùcair. Ann an 1991, thàinig Trostianets gu bhith na phàirt nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann air thuiteam on latha seo.
1979 | 1989 | 2001 | 2012 | 2021 |
---|---|---|---|---|
23 655 | 25 706 | 23 308 | 21 463 | 20 638 |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Trostianets, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.