An Ucràin

An Ucràin: Dùthaich ann an ear na Roinn Eòrpa

Is e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa an ear a tha anns an Ucràin [1][2] neo Ugrain[3] neo An Ugràin[4] (Ucràinis: Україна, Ukraina, IPA: ukraˈjina). Tha a' Bhealaruis san tuath, an Ruis anns an earra-thuath, a' Phòlainn, an t-Slòbhac agus an Ungair san iar, agus Romàinia agus Moldàibhia san iar-dheas. Tha Kyiv na phrìomh-bhaile. Tha Chernobyl anns an Ùcrain cuideachd, far an do thachair tubaist mhòr anns an ionaid-cumhachd niùclasaich.

Україна
An Ucràin
Flag of Ukraine.svg
Bratach
Lesser Coat of Arms of Ukraine.svg
Gearradh-arm
Europe-Ukraine (disputed territory).svg
Laoidh Nàiseanta
Ще не вмерла України ні слава, ні воля  (Ùcrainis)
Shche ne vmerla Ukrayiny ni slava, ni volya  
Chan eil glòir na h-Ucràin, no a saorsa, air eugadh
Cànan(an) oifigeilUcràinis
Prìomh-bhaileKyiv
Baile as mothaKyiv
RiaghaltasSiostam le ceann-suidhe
Ceann-suidheVolodymyr Zelenskyi (Володимир Зеленський)
Prìomh-mhinistearDenys Shmyhal (Денис Шмигаль)
LabhraicheDmytro Razumkov (Дмитро Разумков)
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Aonadh Sobhiat
24 an Lùnasdal 1991
Farsaingeachd
Iomlan603,628 km² (44mh)
Uisge7% %
Àireamh-shluaigh (2008)
Iomlan46,372,700 (27mh)
Dlùths77/km² (115mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsa$8,624 (83mh)
Roinn tìdeEET (UTC+2)
as t-samhradhEEST (UTC+3)
Ruith-airgidHryvnia
Prìomh àrainn-lìn.ua
Còd Àireamh fòn380

Bailtean

Eachdraidh

Bha an ranntair anns a bheil an Ucràin an-diugh na phàirt de cho-fhlaitheas na Pòlainn–Liotàinia eadar 1569 is 1795. Chaidh an Ucràin a ghairm neo-eisimeileach ann an 1918 ach dh'ionnsaigh feachdan Sobhiatach is chaidh i na pàirt den Aonadh Sobhiatach. Bha gort uabhasach ann ann an 1932 agus 1933, air an robh Holodomor, a chuir às do còrr is trì muillean daoine.[5] Chaidh an Criom na phàirt dhen Ucràin ann an 1954. Chaidh an Ucràin neo-eisimeileach ann an 1991. Ghlac an Ruis an Criom ann an 2014 is stèidhich poblachdan brèige ann an Donetsk is Luhansk.[6] 24 Gearran 2022 chuir Vladimir Putin feachdan Ruiseanach anns an Ucràin ann an "iomairt armaichte shònraichte".[7]

Daoine ainmeil

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Holodomor Research Library
  6. Ukraine profile - Timeline”. BBC News. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2022.
  7. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 24mh dhen Ghearran 2022. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2022. 

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
This article uses material from the Wikipedia article An Ucràin, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors).