‘S e baile air an àirde an iar Innis Tìle a th’ ann an Kópavogur (IPA: ˈkʰoːupavɔɣʏr̥).
Kópavogur
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Höfuðborgarsvæðið | ||||
Co-chomharran | 64° 6' 39 Tuath 21° 56' 21 I | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 80 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 36,975 (2019) | ||||
Dlùths | 462.19/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, dìreach aig ìre na mara, san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' phrìomh-bhaile), eadar Loch Ellidavatn agus a' muir, 386km air falbh bho Akureyri agus 47km bho Selfoss. Tha 36,975 duine a’ fuireach sa bhaile. 'S e an dara baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík a th'ann an Kópavogur. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.
Chaidh Kópavogur a chlàradh airson a'chiad turais ann an 1523 agus bha e a gairm na bhaile ann ann 1948. B' ann ann an 1662 ann an Kópavogur a thug An Danmhairg greim air Innis Tìle, nuair thug an t-Easbaig Brynjólfur Sveinsson agus a fear-lagh Árni Oddsson an cuid ainmean gu sgrìobhain a ghabhadh ri monarcachd. Chaidh am fiolm Sumarlandið (Tìr an t-Samhraidh) fhiolmadh an seo ann an 2010. Chaidh Flokkur Fólksins, partaidh poileatagach na làimhe chlì, a stèidheachadh an seo ann an 2016. Thogadh Björk Guðmundsdóttir an seo.
Tha an t-ainm a' ciallachadh Òb nan Ròn sa chànan aca, bho Kópar (Ròn) agus Vogur (Òb).
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Kópavogur, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.