Ur-Dhubhadh

'S e caochladh fuaime a tha san ur-dhubhadh a gheibhear anns na cànain Ghàidhealach, Gàidhlig na h-Èireann (far an canar úrú ris), Gàidhlig agus gu ìre, sa Mhanannais.

Thig guthachadh agus, gu tric, srònachadh air consan 'na chois, mar eisimpleir ceannar gceann "ar ceann" sa Ghaeilge.

Ur-Dhubhadh
Ur-dhubhadh sa Ghaeilge ri fhaicinn san fhacal na nGall

Dh'èirich an t-ur-dhubhadh gu eachdraidheil an cois consan srònach (gu h-àirid -n deireannach) a bha air beulaibh consan bacaidh, m.e. an + c, g, d, t, b, p, f.

An dà sheòrsa

Tha dà sheòrsa dheth ann, ur-dhubhadh eachdraidheil agus ur-dhubhadh neo-eachdraidheil. 'S e ur-dhubhadh eachdraidheil a tha sa Ghaeilge agus ur-dhubhadh neo-eachdraidheil a tha ann sa Ghàidhlig.

'S ciall dha sin gun tachair an t-ur-dhubhadh sa Ghaeilge fiù mur eil an consan srònach ri chluinntinn tuilleadh:

ceannar gceann "ar ceann" teangaseacht dteanga "seachd teangannan" 

Ach ann an Gàidhlig, chan fhaighear e ach ma tha an consan srònach ann e fhèin:

ceannar ceann teangaseachd teangannan 

ach

an cù /əŋˈgʱuː/ teangaan teanga /əɲˈdʲʱɛŋgə/ 

Atharrachadh nam fuaimean

Ged a tha an dearbh fhreumh aig an ur-dhubhadh anns an trì cànan, chan eil e ag obair air an dearbh dhòigh gu buileach.

Gaeilge

'S ann mar seo a dh'atharraicheas na fuaimean sa Ghaeilge:

1. Tha consan casgaidh agus /fˠ, fʲ/ a' dol 'nan consain ghuthach:

Bun-fhuaim Fo ur-dhubhadh Eisimpleirean
/pˠ/ → /bˠ/ pa /pˠaː/ → ar bpá /əɾ bˠaː/
/pʲ/ → /bʲ/ peann /pʲaːn̪ˠ/ → ar bpeann /əɾ bʲaːn̪ˠ/
/t̪ˠ/ → /d̪ˠ/ tús /t̪ˠuːs̪/ → ar dtús /əɾ d̪ˠuːs̪/
/tʲ/ → /dʲ/ teanga /tʲaŋʲə/ → ar dteanga /əɾ dʲaŋʲə/
/k/ → /ɡ/ cú /ku/ → ar gcú /əɾ guː/
/c/ → /ɟ/ ceann /caːn̪ˠ/ → ar gceann /əɾ ɟaːn̪ˠ/
/fˠ/ → /w/ fáth /fˠaː/ → ar bhfáth /əɾ vˠaː/
/fʲ/ → /vʲ/ freagra /fʲɾʲagˠɾˠə/ → ar bhfreagra /əɾ vʲɾʲagˠɾˠə/

2. Tha consan casgaidh guthach a' dol 'na chonsan srònach:

Bun-fhuaim Fo ur-dhubhadh Eisimpleirean
/bˠ/ → /mˠ/
/bʲ/ → /mʲ/ bean /bʲan̪ˠ/ → ar mbean /mʲan̪ˠ/
/d̪ˠ/ → /n̪ˠ/ droim /d̪ˠɾˠiːmʲ/ → ar ndroim /n̪ˠɾˠiːmʲ/
/dʲ/ → /nʲ/
/ɡ/ → /ŋ/ glúin /gˠɫ̪uːnʲ/ → nglúin /ŋɫ̪uːnʲ/
/ɟ/ → /ɲ/

3. Tha an -n 'ga ghlèidheadh ro fhuaimreag:

Bun-fhuaim Fo ur-dhubhadh Eisimpleirean
/eː/ → /nʲeː/ éan /eːn̪ˠ/ → ar n-éan /nʲeːn̪ˠ/
/iː/ → /n̪ˠi/ oíche /iːhə/ → ar n-oíche /n̪ˠiːhə/

An litreachadh

Gaeilge

A chionn 's gur e ur-dhubhadh eachdraidheil a tha ann sa Ghaeilge, 's mar sin cha ghabh a thomhas, thèid a sgrìobhadh ann:

  • peann → ar bpeann
  • bean → ar mbean
  • tigh → ar dtigh
  • droim → ar ndroim
  • ceann → ar gceann
  • glúin → ar nglúin
  • fuinneog → ar bhfuinneog
  • éan → ar n-éan

Gàidhlig

A chionn 's nach fhaighear e sa Ghàidhlig ach an cois an uilt agus grunn fhaclan sònraichte eile (an, nan, gun), cha dèid a sgrìobhadh ann agus cleachdaidh gach duine an t-ur-dhubhadh a-rèir a dhual-chainnt fhèin:

  • peann → am peann
  • bùth → am bùth
  • taigh → an taigh
  • druim → an druim
  • ceann → an ceann
  • glùn → an glùn

Tha glè bheag de dh'fhaclan ann far am faicear iarmaid an ur-dhubhaidh ann an àitichean far nach biodh dùil a-rèir riaghailtean a' chànain an-diugh. 'S e cruthan reòite a chanar ris a leithid seo de dh'fhacal. Mar eisimpleir, tha an cruth a bheil a' tighinn on ghnìomhair fuil (cf. Gaeilge an bhfuil) gu eachdraidheil, le ur-dhubhadh an f → bh.

Faic cuideachd

Iomraidhean

Tags:

Ur-Dhubhadh An dà sheòrsaUr-Dhubhadh Atharrachadh nam fuaimeanUr-Dhubhadh An litreachadhUr-Dhubhadh GàidhligUr-Dhubhadh Faic cuideachdUr-Dhubhadh IomraidheanUr-DhubhadhConnragGàidhligGàidhlig MhanainnGàidhlig na h-Èireann

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Earra-GhàidhealTacoma, WashingtonAodach2013CreideamhDelftLuhanskCunntasachd4 an t-Ògmhios1989An Ruadh-Ghleann17 an DùbhlachdDlighe Charles4 am MàrtPaul MartinDuais Nobel ann an LeigheasDi-CiadainLaghLawrencium2020Giùlan14341187Grover ClevelandAfraga-EoràisiaCànan OifigeilRaon GhàsaNetherlands Institute for Art HistorySeattle, Washington179591213 an GibleanCuan Siar1007Val Logsdon FitchJohn Travolta824GCian-chonaltradhRap363CoimpiutaireachdCairoÈirinn a Tuath1688Iasgach2009Humza YousafGnothachas10 an GearranBall-basgaidSgrail1895National Diet Library20 an t-SultainMilanoJonathan WintersEòlas-leighisJoe BidenAn Dàrna CogadhMuncaidhBibliothèque nationale de FranceAristotleAmsterdam1971An Fhraing1445Sweyn HolmBangaloreClàr pillteachAibidil🡆 More