Am Bàrd Bochd Tormod Macleòid

'S e bàrd Gàidhlig às an Rubha, Leòdhas a bh' ann an Tormod MacLeòid (15 Ògmhios 1904–14 Sultain 1968), agus 's e 'Am Bàrd Bochd' am far-ainm a bh' air.

Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)
Beatha
Breith Rubha, 15 dhen Ògmhios 1904
Dùthaich Am Bàrd Bochd Tormod Macleòid Alba
Bàs Lìonail, 14 dhen t-Sultain 1968
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd

A bharrachd air a bhith na bhàrd, 's e tidsear, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh òrain, agus fear-glèidhidh dualchais a bh' ann.

Eachdraidh a Bheatha

Rugadh Tormod Macleòid air 15 Ògmhios 1904 ann am Port Bholair san Rubha ann an Leòdhas. Chanadh Tormod Chontair ris cuideachd.

B' e athair Murchadh Macleòid à Pabail agus a mhàthair Seonag NicCoinnich. Bha ceathrar bhràithrean agus còignear pheathraichean aige. Ann an 1932, phòs e Mòr Nicleòid à Ranais agus bha ceathrar duine cloinne aca; Dollag, Murdo John, Tormod agus Seòras.

Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil na h-Àird, Àrd-sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Chnoc Iòrdain.

B' ann a' teagaisg a chuir e seachad a bheatha; bha e ag obair ann an grunnan sgoiltean ann an Leòdhas:

  • 1930-31 Grabhair (Na Lochan)
  • 1935-35 Fidigearraidh (Na Lochan)
  • 1935-43 Loch Croistean (Uig)
  • 1943-52 An Cnoc (An Rubha)
  • 1952-68 Àrd-sgoil Lìonail (Nis)

Bha Tormod os cionn roinn na Gàidhlig, agus na Iar-cheannard, ann an Sgoil Lìonail.

Bha e na shòisealach agus na bhall den Phàrtaidh Làbarach.

Chaochail e ann an Lìonail air 14mh Sultain 1968, an dèidh a bhith a' fulang le tinneas airson ùine mhòr. Chaidh a thiodhlacadh anns an Rubha.

Obair le Gàidhlig

Nuair a bha e a' teagasg aig Sgoil Lìonail, stèidhich Tormod iris na sgoile, 'Tàintean', far an robh susbaint ga fhoillseachadh gu cunbhalach sa Ghàidhlig.

Bhiodh Tormod ri cruinneachadh agus a' gleidheadh fhacail, beul-aithris, òrain agus bàrdachd.

Thairis air na bliadhnaichean, chaidh mòran de dh'obair Thormoid fhoillseachadh san iris Gairm. B' ann fon ainm Am Bàrd Bochd a bhiodh e a' sgrìobhadh. Chaidh cuid den chruinneachadh aige fhoillseachadh le Gairm san leabhar Bàrdachd à Leòdhas ann an 1969.

Òrain

  • Air Sgiathan M' Inntinn (Loch Croistean)
  • Òran an AI

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Am Bàrd Bochd Tormod Macleòid Eachdraidh a BheathaAm Bàrd Bochd Tormod Macleòid Obair le GàidhligAm Bàrd Bochd Tormod Macleòid ÒrainAm Bàrd Bochd Tormod Macleòid IomraidheanAm Bàrd Bochd Tormod Macleòid Ceanglaichean a-machAm Bàrd Bochd Tormod Macleòid14 an t-Sultain15 an t-Ògmhios19041968An RubhaLeòdhas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BogotáBeathaicheanSpòrsJaén (provincia)Neach-poileataigsAibidil EabhraJames K. PolkSpàinntisCànanachasTaigh na h-UiseigVáclav Havel14 an LùnastalWikimediaInnis TìleDonald TrumpRìgh Juan Carlos I na SpàinneMarxachasDonostiaKarachiHionduthachdCeimigeachdEilean Mhanainn1260anHermann HesseAràibia nan SabhdProbhaistAn AetiòpEadar-lìonBun-reachdGebzePoileataigsVirginiaRotterdamIasgach28 am MàrtÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteGealachEalain-lèirsinneachFilmMonacoGeorge H. W. BushBall-coiseGàidhligAn Crios-GrèineAirgead (malairt)19 an Gearran1986Greugais19 an DùbhlachdYvelinesMatamataigearLunnainnLee MarvinFreetown1578Ceann-fionnSeleniumErwin Schrödinger9 an LùnastalSlàinteA' ChuimrighRìoghachd eSwatiniIain Eairdsidh MacAsgaillCastelló obh obhUisgeA' Phruis🡆 More