Tarsus

'S e baile agus sgìreachd (Turcais: belediye) ann an ceann a deas Poblachd na Tuirce a th' ann an Tarsus (Arabais: طَرَسُوس, Airmeanianais: Տարսոն, Eabhra: תרשיש, Greugais: Ταρσός).

Tarsus
Tarsus
Tarsus
Suidheachadh
Dùthaich Tarsus An Tuirc
Ceàrn Tarsus Belediyesi
Sgìre Mersin İli
Co-chomharran 36° 55 00' Tuath
34° 54 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,019 km²
Àireamh-shluaigh 323,961 (2017)
Dlùths 160.46/km²
Àireamh fòn + 616
Duilleag oifigeil https://www.tarsus.bel.tr

Tha Tarsus suidhichte faisg air Mersin, eadar Antalya agus Adana san roinn (Turcais: ili) Mersin, aig inbhir na h-Aibhne Berdan, aig 23m os cionn ìre na mara. Tha 323,961 duine a' fuireach ann. 'S e an 44amh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.

Eachdraidh

B' e na Hatti a stèidhich am baile o chionn corr is 6,000 bliadhna agus chuireadh Tarsa air, bho Tarku, dia na grèine. B' e gu robh an t-àite aig crois-rathaid eadar caochladh shlighe mhalairt air feadh Aisia Bige agus na Mara Mheadhan-thìriche. An dèidh na Hatti bha am baile agus an sgìre fo bhuaidh Impireachd Asirianach - sluagh Seimitig - agus an uair sin Impireachd Pheirse - a bha agus a tha fhathast na shluagh Innd-Eòrpach. Bha Tarsus na phrìomh-bhaile na roinn Kizzuwatna (Laideann: Cilicia). Thàinig Alasdair Mòr ann an 333 ro Ìosa Chrìosd agus theab e bàsachadh aig Cath Cydnus. Bha Tarsus gu ìre air a ghreugachadh mar-thà. Thuit am baile gu Impireachd na Ròimhe ann an 67 ro Ìosa Chrìosd. Chuireadh Juliopolis air fad corra bhiadhna agus b' ann ann an Tarsus a thachair Cleopatra ri Marcus Antonius. Lean am baile air mar àite airson ionnsachaidh fo na Ròmanaich. Chaidh Tacitus, Maximinus II agus Flavius Claudius Iulianus Augustus air an tìodhlacadh an seo. Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chaidh easbaigeachd a stèidheachadh sa bhaile, fon easbaig Helenus. Bha an easbaigeachd seo cho cudromach gun deach easbaigean à Tarsus gu comhairlean-eaglaise ann an Ancyra (314), Nicaea (325) agus Ephesus (431). Lean am baile air mar àite gu math cudromach fon Impireachd Bheasantianach, gu ruige an 7mh Linn nuair a thuit e dha na h-Arabaich. Shabaideadh feachdan Ioslamach agus Crìostaidh, Mamalucach agus Arabach airson a' bhaile fad linntean gus an tug Impireachd nan Otomanach thairis e ann an 1516. Anns an 19mh Linn bha inbhir na h-aibhne na bhoglach agus rinn sin droch chron air malairt.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheagailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Tarsus EachdraidhTarsus Daoine AinmeilTarsus Bailtean Co-cheagailteTarsus IomraidheanTarsus Ceanglaichean A-machTarsusAbhainnAdanaAn TuircAntalyaArabaisBaileDùthaichEabhraInbhirMersinMuirTurcais

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FirefoxSlighe Chloinn UisnichDealanAn Baile Gaelach, Contae Mhaigh EoAn Caisteal NuadhMiotas-eòlasFranklin D. RooseveltInternational Standard Name IdentifierPrìomh-DhuilleagUilleam III Shasainn is II AlbaAirgead (meatailt)Abhainn Fhiodhaich2020anSlòbhacaisBrian2 an Lùnastal1934Eaconomaidh1933Eòlas-inntinnLaideannPopÒranGenèveJohn Howard NorthropBreatannais1996Humza YousafVirginiaÈirinn a TuathCànanachasFarpais Foirmle a h-Aon na Cruinne 2020Cair LuailRViennaCaitligeachd1809ApartheidGeorgia (stàit)2020MontanaEadar-lìonBrunswick NuadhVladimir PutinCristoforo ColomboBIBSYSNapoléon BonaparteLausanneSankt Peterburg2009Penn-ar-BedAodachAn Rìoghachd AonaichteMurt Ghlinne ComhainnSingeapòrPyrénées-AtlantiquesBunan-lùth nach teirg ann an AlbaAn Cogadh MòrCroataisFraingiumRudyard KiplingTUCRaon GhàsaEunUlf von EulerMatamataigWiesbadenBith-eòlasFeallsanaicheBànrigh Ealasaid II2006Corp-eòlas🡆 More