Sighișoara

'S e baile meadhannach eadar Brașov agus Târgu Mureș, ann an cridhe Romàinia a th' ann an Sighișoara (IPA: ˈsiɡiˈʃo̯ara, Ungairis: Segesvár, IPA: ˈʃɛɡɛʃvaːr, Gearmailtis: Schäßburg/Schäsbrich, IPA: ˈʃɛsbʊʁk, Iùdais: שעסבורג).

Sighișoara
Segesvár
Schäßburg
שעסבורג
Sighișoara
Gearradh-arm
no Seula
Sighișoara
Sighișoara
Suidheachadh
Dùthaich Sighișoara Romàinia
Ceàrn Sighișoara Mureș
Co-chomharran 46° 13 14' Tuath
24° 47 30' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 113.47 km²
Àireamh-shluaigh 28,102 (2011)
Dlùths 247.66/km²
Àireamh fòn +40 02 65
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Târnava Mare, aig 380m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Mureș. Tha 28,102 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

'S ann às an fhacal vár (Gàidhlig: cathair) ann an Ungairis agus ainm seann tuineachadh nan Daci air an robh Sandava s' a tha ainm a' bhaile. Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia. Tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann às an fhacal sechs (Gàidhlig: sia). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1191 mar Castrum Sexum agus an uair sin mar Schespurch ann an 1298. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Sighișoara nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis. Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699. Ghabh am baile ris an Ath-Leasachadh agus na sgrìobh Màrtainn Lùtair ann an 1550. Thug a' Phlàigh buaidh uabhasach fhèin làidir air Sighișoara san 17mh Linn, nuair a chaochail lrth chuid muinntir a' bhaile. Fhuair Sándor Petőfi, Gaisgeach rèabhlaid na h-Ungaire bàs an seo aig Blàr Segesvár, air 31 an t-Iuchar 1849. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e.

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

  • Sighișoara  Baden AG
  • Sighișoara  Blois
  • Sighișoara  Dinkelsbühl
  • Sighișoara  Città di Castello
  • Sighișoara  Kiskunfélegyháza

Iomraidhean

Tags:

Sighișoara EachdraidhSighișoara Daoine ainmeilSighișoara Bailtean co-cheangailteSighișoara IomraidheanSighișoaraAbhainnBaileBrașovGearmailtisIPAIùdaisMureș (Siorrachd)RomàiniaRomàinisTârgu MureșUngairis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Eòrpium1600Tìr nan CailleannachAinmean193420 an t-IucharBruach-an-IarLàn-thoradh Dùthchailqj6vgMagnesiumMisael Pastrana BorreroInnleadaireachdAirmeiniaCoimpiutaireachdBad ArolsenPalenciaSeumas IV Alba1705Stephen HawkingBaile Shidni, Alba NuadhJohn MajorJa, vi elsker dette landetLùireach na dùthchaPàpa Beinidict XVHionduthachdIomadachadhÌmpireachd BhreatainnAn EiphitSanta Cruz de TenerifeBeulArad2003Eanraig MacGillÌosaÙr-sgeulBaselEugenio MontaleAm Bàs DubhYak26 am FaoilleachA' Ghraonlainn27 am MàrtMìosachanDuais Nobel ann an LitreachasPort-adhair BharraighTripoliFelix Mendelssohn BartholdyStamford, ConnecticutNa Stàitean AonaichteIerusalemQueenTel AvivA' ChairtbheilAmar-snàmhPàpa Pòl VIEala-bhànAn t-Suain780ZanzibarMinneapolis, MinnesotaA' Mhuir DhubhBückeburgCathair na BhatacainPagastànIarannDoireBeathaicheanBeinn🡆 More