B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Robert Burns Woodward (Boston (Massachusetts) 10 an Giblean 1917–Cambridge (Massachusetts) 8 an t-Iuchar 1979).
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1965 airson obrach ann an co-chur fàs-bheairteach.
Robert Burns Woodward | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Boston, 10 dhen Ghiblean 1917 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Bàs | Cambridge, 8 dhen Iuchar 1979 |
Àite-adhlacaidh | Mount Auburn Cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) |
Teaghlach | |
Athair | Arthur Chester Woodward |
Cèile | Eudoxia Woodward (en) (dhen t-Sultain 1946 - |
Foghlam | |
Foghlam | Massachusetts Institute of Technology Quincy High School (en) |
Oileanaich dotaireachd | Robert Shapiro (en) William R. Roush (en) Stuart Schreiber Ronald Breslow (en) Christopher S. Foote (en) Kendall Houk (en) Steven A. Benner (en) Daniel S. Kemp (en) |
Cànain | Beurla |
Oileanaich | Harry H. Wasserman (en) Steven A. Benner (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Oilthigh Harvard |
Duaisean a fhuaras | liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean | liosta
|
Ballrachd | An Comann Rìoghail Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Saidheansan an USSR Comann Aimeireaganach na Feallsanachd Acadamh Nàiseanta nan Saidheans |
Bha e na oileanach aig MIT ach an sin chaidh e a dh'Oilthigh Harvard is mhair e an siud air feadh a chùrsa-obrach. Dh'fhàs e ainmeil air sgàth 's gun do rinn e co-thàthaidhean nàdarra, mar cholesterol is beòthaman B12, anns an deuchainn-lann. Sgrìobh e cuideachd, còmhla ri Roald Hoffmann, na riaghailtean Woodward–Hoffmann a tha mìneachadh na ceimigeachd diofraichte fo bhuaidh teasa no solais.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Robert Burns Woodward, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.