Porfirio Barba Jacob

B' e ùghdar à Coloimbia a bha ann an Miguel Ángel Osorio Benítez ( Santa Rosa de Osos, 29 an t-Iuchar 1883–Meagsago, 14 am Faoilleach 1942).

Bha e ainmichte fon ainm-brèige Porfirio Barba Jacob. Rugadh e shuas air a' mhòinteach faisg air Medellín.

Porfirio Barba Jacob
Porfirio Barba Jacob
Beatha
Breith Santa Rosa de Osos, 29 dhen Iuchar 1883
Dùthaich Porfirio Barba Jacob Coloimbia
Bàs Meagsago, 14 dhen Fhaoilleach 1942
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (a' chaitheamh)
Foghlam
Foghlam Universidad Externado de Colombia (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Obraichean comharraichte Q123029086 Translate
Far-ainmean Porfirio Barba Jacob, Maín Ximénez agus Ricardo Arenales

Beatha

Rugadh Porfirio Barba Jacob ann an Santa Rosa de Osos, Antioquia, air an 29mh latha dhen Iuchar 1883, agus b’ e mac Antonio María Osorio agus Pastora Benítez a bh’ ann. Thogadh e aig taigh a shean phàrantan ann an Angostura agus ann an 1895 thoisich e taistealachd mhòr agus chaidh e gu iomadh baile ann an Coloimbia agus, bho 1907, gu Aimearaga Mheadhanach agus Na Stàitean Aonaichte. 'S e àite làn chultair na h-Eaglaise Caitligiche a th' ann Santa Rosas de Osos, fiù 's an latha an-diugh.

Ann an dòigh, b’ e taistealachd mhairinneach dhoirbh tro iomadh dùthaich anns Na h-Aimearagan bh’ ann a bheatha. Chuir e seachad greiseag no dhà ann an Guatamala, Honduras, Costa Rica, El Salbhador, Cuba, Pearu agus Meagsago. Bha esan an lùib a h-uile seòrsa foillseachadh litreachail agus poileataigeach. Bha e gu math connspaideach agus gabhadh e a-riamh ri sgannal, rud a thug piseach air eachdraidh a bheatha agus buaidh a chuid bhàrdachd.

B’ e an spiorad allaban, làn pais agus cianalas aige na phàirt chudromach a chuid obrach, a bha cuideachd cho làn cràdh agus sàimh. Bha e cho liriceach ’s a ghabhas agus thuirt Nicolás Bayona Posada gu robh ealain mìorbhaileach aige far a chuireadh e ceòl nan rann agus dràma a chuid smuaintean binnmhoire ùire ri chèile. Chaochail e leis a’ chaitheamh ann an 1942 ann am Meagsago. An ceann ceithir bliadhna, ann an 1946, thug Riaghaltas Choloimbia a chraidhneach air ais dhachaigh.

Ainm

Dh’ atharraich am fìor ainm a bh’ aige - Miguel Ángel Osorio Benítez - gu Ricardo Arenales agus an uair sin gu Porfirio Barba Jacob agus chum e an t-àite ùr gus a chaochail e. Rinn e sin air sàilleabh gu robh fear eile ann air an robh Ricardo Arenales agus bha am fear seo a-riamh ann an trioblaid laghail : ‘s e cùis nàire dhasan a bh’ ann agus bhathar dhen bheachd gur esan fhèin a bh’ ann Ricardo Arenales. Chleachdadh e tòrr ainm-pinn eile cuideachd: Juan Sin Miedo, Juan Sin Tierra, Juan Azteca, Junius Cálifax, Almafuerte agus El Corresponsal Viajero nam measg. Bha e gu math càirdeil ri Porfirio Díaz agus air sgàth sin b' fheudar dha teicheadh bho Ghuatamala ann an 1915.

Co-sheòrsachd

Cha do dh’fhalaich Barba Jacob gu robh e gèidh idir, agus bha sin na trioblaid dha fad a bheatha. Nochd sin airson a’ chiad turais anns an leabhar libro «El hombre que parecía un caballo y otros cuentos», a sgrìobh an t-ùghdar à Guatamala Rafael Arévalo Martínez mu Bharba Jacob ann an 1914. A bharrachd air sin, Sgrìobh an t-ùghdar gèidh Fernando Vallejo mòran mu dheidhinn Bharba Jacob agus a bhuaidh airsan fhèin agus air litreachas ann an Spàinntis.

Iomraidhean


Tags:

Porfirio Barba Jacob BeathaPorfirio Barba Jacob AinmPorfirio Barba Jacob Co-sheòrsachdPorfirio Barba Jacob IomraidheanPorfirio Barba Jacob14 am Faoilleach1883194229 an t-IucharColoimbiaMeagsago (baile)MedellínSanta Rosa de Osos

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

NollaigCòd Àireamh fòn eadar-nàiseanta1493Ìmpireachd BhreatainnRuadhailAn t-Aonadh EòrpachEilean EòinCopinsayNòs20142001Uicipeid1906Lope de Vega30an RCPrìomh-DhuilleagNa h-Eileanan FilipineachBulgàiriaPoblachd na Sìne1922Martin LandauAn DàmhairCarolina a TuathG1947159519431770an1789Murt Ghlinne ComhainnCadmiumNairobiHarrison Ford949NijmegenDépartementAn Eaglais Shaor ChléireachSìona (roinn chultarach)Fuath-bìdhHTMLTeàrlach IIII800An ÈipheitSan FranciscoBun-sgoilSasainn NuadhHumza YousafLoch LaomainnAibidilGuianaCSSReul-bhad1979Washington (stàit)SchaffhausenHawaiiGealach14872007CuanAn t-Eilean SgitheanachGregor Mendel13 an Lùnastal1767MeänkieliFraser Stoddart14 an GibleanAndrew Johnson1980anBangladais🡆 More