‘S e baile beag ann an Coloimbia a th’ann am Pamplona.
Pamplona
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Norte de Santander | ||||
Àirde | 2342m | ||||
Co-chomharran | 07° 22' 4 Tuath 72° 39' 09 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,176 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 102,785 (2005) | ||||
Dlùths | 87.4/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Phamplona |
Tha e suidhichte ann an sgìre iar-dheas na roinne Norte de Santander. Chan eil e ach 74km bho Chúcuta, fear dhe na bailtean mòra nas cudromaiche na dùthcha. Ged nach eil port-adhair ann, tha deagh rathaidean ann gu ruige Chúcuta fhèin, Bucaramanga agus na bailtean beaga ri taobh an iar na roinne.
Tha eaconomaidh a’ bhaile gu math ceangailte ri gnothach a’ bhidh (mar eiseimpleir deànamh mìlsean, briosgaidean, cèicichean, etc.), turasachd na fèisean Caitligich (gu seach àraidh aig àm na Càisge) agus goireasan eile (àiteachan-fuirich, biadh, etc.) airson oileanaich an Oilthigh Pamplona. ‘S ann Cúcuta fhèin agus bailtean eile a’ Chairib air Costa an Tuath Choloimbia a th’ann a mhòr-chuid dhuibh.
A-rèir cunntas-sluaigh nàiseanta dhe 2005, tha àireamh-shluaigh dhe 102,785 ann. Mar sin, ‘s e Pamplona an còigeamh baile nas motha na roinne agus an 56mh baile as motha na dùthcha.
Tha am baile baile suidhichte air leathad na Cordillera Oriental ann am beanntan na h-Andes, aig 2342m os cionn ìre na mara. Tha farsaingeachd dhe 1,176 km2 aige agus tha teodhachd mheadhanach dhe 16°C ann. Tha crìochan aige leis na bailtean Pamplonita, air an àirde an iar, le Cácota agus Chitagá, ann an ceann a deas, le Labateca air an àirde an ear agus le Cucutilla air an àirde an iar.
Chaidh am baile a stèidheachadh le Pedro de Ursúa agus an Ceann-feadhna Ortún Velazco de Velazques 1 an t-Samhain 1549 agus thug iad an t-ainm Pamplona air, mar chuimhne air a' bhaile leis an aon ainm anns An Spàinn far an do rugadh fear dhen dhithis fhear-steidheachaidh. Thug an Ìompaire Carlos V na Spàinne an tiotal dhe "Baile Urramach Uasal" (Spàinntis: "Muy noble y muy hidalga ciudad") dhan bhaile tro Èigheachd Rìoghail, 3mh an Lùnasdal dhe 1555.
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Pamplona. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Pamplona (Coloimbia), which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.