'S e Oilthigh Humboldt Berlin (Gearmailtis: Humboldt-Universität zu Berlin) an t-oilthigh as sine ann am Berlin, a' Ghearmailt.
Chaidh a stèidheachadh ann an 1810 fon ainm Oilthigh Berlin le Wilhelm von Humboldt. Bha Humboldt na libearalach, na leasaiche agus na fhear-cànanchais agus bha buaidh mhòr aig an oilthigh seo air feallsanachd nan oilthighean eile san Roinn-Eòrpa agus san Iar air fad. Bha ainmean eile air tro na linntean, a' gabhail a-steach Friedrich-Wilhelms-Universität, Universität unter den Linden (air sgàth 's gun robh e air an t-sràid sin) agus chaidh ainm atharrachadh gu oifigeil ann an 1949 mar urram dhan fhear a stèidhich e, Wilhelm agus a bhràthair Alexander von Humboldt a bha na bhith-eòlaiche.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Oilthigh Humboldt Berlin, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.