Nithean Draoidheachd Ann An Harry Potter

Seo liosta de nithean draoidheachd air an cleachdadh san t-sreath sgeòil Harry Potter.

Conaltradh

Buinn gheasachd

Ann an Harry Potter and the Order of the Phoenix, tha Hermione Granger a' cruthachadh Ghailleoin fhuadain, sheunta mar dhòigh-chonaltraidh eadar buill Arm Dumbledore. Coltach ri Gailleoin fhìor, gheibhear àireamhan mu oirean nam bonn a tha a' comharrachadh àm is ceann-là san tig iad cruinn còmhla a-rithist; agus atharraichidh iad a rèir ge be dè na h-àireamhan a shuidhicheas Harry Potter air a bhonn fhèin.

Sgalartaiche

Is e sgalartaiche litir crò-dhearg air a cur gus corraich mhòr a nochdadh, air neo, teachdaireachd a chur an cèill gu h-àrd, follaiseach.

Nithean-cleithe

Di-shoillsichear (Mùchadair)

Is e Di-shoillsichear inneal a dh'inntrig Albus Dumbledore air choltas lasadair thoitean. Mùchaidh e an solas à tùs solais sam bith airson a bhith a' falach an neach-chleachdaidh.

Cleòca Do-fhaicsinneachd

Is e cleòca a th' ann an cleòca do-fhaicsinneachd a nì an neach-caitheimh do-fhaicsinn. Is ann glè ghann is daor a tha iad an saoghal Harry Potter, ach gabhaidh an snìomh à bèin nan Demiguise, beathaichean draoidheil a tha a' còmhnaidh san fhìor Àird an Ear.

Cuspairean na Samhna 

Nithean Draoidheachd Ann An Harry Potter 
Tha comharra Chuspairean na Samhna na shamhla de na trì nithean draoidheachd uile: an t-Slat, a' Chlach agus an Fhallaing.

Is e Cuspairean na Samhna na trì prìomh nithean draoidheachd ann an Harry Potter agus the Deathly Hallows - slat air nach toirear bàrr, clach gus na mairbh a thoirt beò, agus fallaing do-fhaicsinneachd. Ma tha iad air an sealbhachadh le aon neach a-mhàin, theirear gum faigh e buaidh air a' bhàs.

Slat Dhromanach

Nithean Draoidheachd Ann An Harry Potter 
An t-slat dhromanach

Bho linn crochadh nan con, theirear Maide nam Marbh no Slat na Cinneamhain ris an t-Slat Dhromanach, agus is e slat fìor bhuadhach a th' innte, dèante le fiodh-dromain agus le eitean de ghaoisid earball Thestral.

Clach na h-Aiseirigh

Tha Clach na h-Aiseirigh a' toirt cead don t-sealbhaiche luchd-gaoil nach maireann a thoirt beò a-rithist ann an cruth leth-chorporra, agus conaltradh riutha.

Fallaing Do-fhaicsinneachd

A rèir nan seann-sgeulan, tha cumhachd aig an Fhallaing Do-fhaicsinneachd an neach-caitheimh a dhìon o shùilean an Èig. B' e seo an cuspair Samhna a bhuineadh don bhràthair a b' òige aig nach robh earbsa anns an Eug agus a thug leis an Fhallaing gus falach bhuaithe. Cha do thill gus an robh e aosta is ullamh airson a' bhàis.  

Lorgairean

Glainne nan Nàmh

Is e Glainne nan Nàmh sgàthan a lorgas agus a sheallas don t-sealbhaiche na nàmhaidean aige gu soilleir no mì-shoilleir a rèir dè cho dlùth dha 's a tha iad.

Cairt nan Creachadairean

Is e Cairt nan Creachadairean mapa draoidheachd de Hogwarts air a dhèanamh le Remus Rupin, Peter Pettigrew, Sirius Black agus James Potter (air an robh na far-ainmean "Moony", "Padfoot", agus "Prongs") nuair a bha iad nan sgoilearan aig Hogwarts.

Sgrùdaire Probity

Tha Sgrùdaire Probity a' lorg geasan cleithe is nithean draoidheachd falaichte.

Cuimhnairball

Is e Cuimhnairball cruinne bheag, shoilleir mu mheud marbhail mhòir anns a bheil ceò a thèid dearg nuair a mhothaicheas i gun do dhìochuimhnich an neach-glèidhidh rudeigin. Gu mì-fhortanach, cha sheall i don neach-glèidhidh dè an rud a th'air a dhìochuimhneachadh, mar sin, is ann gun fheum a tha i gu ìre. Chan fhaod sgoilearan an cleachdadh sna deuchainnean oir bhiodh fios aca nan robh iad air freagairt cheàrr a sgrìobhadh.

Rùsgadair

Is e Rùsgadair suathan dearg a tha a' toirt air ionc do-fhaicsinn a nochdadh.

Mothaichear Sgeul-rùin

Bidh am mothaichear seo a' dol na chrith nuair a dh'fhairicheas e rudeigin air a chleith no breugan.

Sgòp-snàgaidh

Is e lorgaire na Sgoile-duibhe a th' ann an Sgòp-snàgaidh.

Gleoc-teaghlaich Weasley

Tha Clann Weasley a' gleidheadh gleoc sònraichte nan dachaigh le naoi spògan, aon do gach ball dhen teaghlach. Canaidh iad an Garadh ris an dachaigh aca. Seach a bhith ag innse na h-uarach, tha an gleoc a' leigeil ris àite no staid gach ball teaghlaich.

Geamaichean

Snap Spreadhach

Is e iomairt chairtean do bhuidsichean a th' ann an Snap Spreadhach, far am bi na cairtean a' spreadhadh gu h-obann.

Bàlaichean  Quidditch

Cairtean Cluiche Fèin-mheasgachaidh

Ann an Chamber of Secrets, bheirear iomradh air paca Chairtean Fèin-mheasgachaidh mar aon de na nithean a' gànrachadh làr an t-seòmair aig Ron sa Gharadh (dachaigh Chann Weasley).

Tàileasg nam Buidsichean

Thathar a' cluich Tàileasg nam Buidsichean le pìosan agus clàr co-ionann ri Tàileasg fhèin. Gheibhear na h-aon riaghailtean ann cuideachd. Bidh na pìosan a' tighinn beò fo gheasachd, agus a' dol am bad a chèile, a' leagail a' phìos eile agus ga shlaodadh far a' chlàir-tàileisg.

Coire

Bithear a' measgachadh 's a' masgadh deochan draoidheachd ann an soithichean draoidheachd ris an canar coirean. Gabhaidh an ceannach aig Bùth nan Coirean ann am Frith-shràid Diagon.

Tùsan

Tags:

Nithean Draoidheachd Ann An Harry Potter ConaltradhNithean Draoidheachd Ann An Harry Potter Nithean-cleitheNithean Draoidheachd Ann An Harry Potter Cuspairean na Samhna Nithean Draoidheachd Ann An Harry Potter LorgaireanNithean Draoidheachd Ann An Harry Potter GeamaicheanNithean Draoidheachd Ann An Harry Potter TùsanNithean Draoidheachd Ann An Harry Potter

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BealaruisisAn Eadailt1971Mayotte1966Digital Object IdentifierMIdahoAn OstairFLForbesAirmeiniaNiueDi-LuainTwitterMainz24 an GearranAn UcràinHaidrideanLaideannEun38ZNa Stàitean Aonaichte1945Na Tìrean Ìsle19071946NirribhidhMichael Faraday1983An Giblean95Washington4Oilthigh CoimbraAn SpàinnUicipeidTaghadh ceannardas Partaidh Nàiseanta na h-Alba 202342Canada996641931Mìosachan GriogarachUMassachusettsPàirc HampdenAràibia nan Sabhd17Torc fiadhaichClòrainGearmailtisBeurla49SenonSìona190852281881FloridaPrìomh-DhuilleagTelurium1924121980Calbhanaich13 an DùbhlachdU2Riaghaltas1940an🡆 More