B' e bànrigh Shasainn is Alba, còmhla ris a fear Uilleam a bha ann am Màiri II.
Màiri II Shasainn is Alba | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
13 dhen Ghearran 1689 - 28 dhen Dùbhlachd 1694 ← Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn - Uilleam III Shasainn is II Alba →
13 dhen Ghearran 1689 - 28 dhen Dùbhlachd 1694 ← Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn - Uilleam III Shasainn is II Alba →
13 dhen Ghearran 1689 - 28 dhen Dùbhlachd 1694 ← Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn - Uilleam III Shasainn is II Alba → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Lùchairt Naomh Seumas, 30 dhen Ghiblean 1662 (Julian) | ||||||||
Dùthaich | Rìoghachd Shasainn | ||||||||
Ciad chànan | Beurla | ||||||||
Bàs | Lùchairt Kensington, 28 dhen Dùbhlachd 1694 (Julian) | ||||||||
Àite-adhlacaidh | Abaid Westminster | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Breac) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Rìgh Seumas VII Alba is II Shasainn | ||||||||
Màthair | Anne, Duchess of York | ||||||||
Cèile | Uilleam III Shasainn is II Alba (4 dhen t-Samhain 1677 - | ||||||||
Clann | |||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | liosta
| ||||||||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Cànain | Beurla Fraingis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | uas-fhlath, neach-poileataigs, bànrigh na còir fhèin agus monarc | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh | Pròstanachas |
Rugadh i 30mh an Giblean 1662, nighean a bu shine le Seumas VII is II bhon a' chiad pòsadh aige do dh'Anne Hyde. Phòs i Uilleam is chaidh i na Bànrigh Shasainn is Èireann 13 an Gearran 1689 is na Bànrigh Alba: 11mh an Giblean 1689. Bha i na co-mhonarc an co-bhonn ri a duine. Chaidh crùn nan trì dùthchannan a thoirt air falbh bho Sheumas agus a bhuileachadh orrasan le chèile mar thoradh air an Ar-a-mach Glòrmhor, 1688
Ged a leig i an stiùir le Uilleam, chuir Màiri rian air na trì rìoghachdan fhad 's a bhiodh Uilleam thall thairis ri cogaidhean (rud a bhitheadh, gu tric).
Chaochail i gun sliochd 28 an Dùbhlachd 1694 (bha a' bhreac air greimicheadh oirre). Riaghlaich Uilleam leis fhèin às a dèidh, gus an do chaochail esan sa Mhairt 1702. Nuair a chaochail Uilleam, shealbhaich Anna, piuthar a b' òige Màiri, an crùn.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Màiri II Shasainn is Alba, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.