Led Zeppelin

Còmhlan-ciùil fìor mhath a chruthaich Roc Cruaidh leis a' chiad chlàr aca, Led Zeppelin I.

Bha ceathrar ann, Jimmy Page na chluichdear giotàir, Robert Plant a' seinn, John Paul Jones air bass is air meur-chlàran agus John Bonham no Bonzo mar a chanadh cuid ris, air na drumaichean.

Thoisich iad ann an 1969 mar 'The Yardbirds Ur, as deidh dha an còmhlan den aon ainm a sgaradh, a' fàgail Page leis na còirichean airson an ainm. Thug iad orra 'Led Zeppelin' mar ainm as deidh fealla-dhà a rinn Keith Moon bho The Who nuair a thuirt e 'Thèid e sìos mar balùn luaidhe no (Led Zeppelin)'.

Chlàr iad a' chiad chlàr, Led Zeppelin I ann an trì seachdainean agus thoisich iad anns a' bhad air an dàrna chlàr, ris a chanar, Am Bombadair Donn no gu h-oifigeil Led Zeppelin II.

Mar a chaidh an Siar a ghlèidheadh

Air feadh beatha a' chòmhlain, bha cliù nas motha aig Zeppelin ann an Aimeireaga na bha riamh ann am Breatainn fhèin. Chaidh am fiolm "The Song Remains The Same" ann am Madison Square Gardens. An-diugh, 'S e Stairway to Heaven a th' anns an òran a tha air a bhith ga chluich as trice air rèidio ann an Aimeirigea. Ann an "Hammer of the Gods", an leabhar mu dheidhinn a' chòmhlain, tha e air a dhèanamh a-mach gum faca Led Zeppelin na Stàitean mar àite far an robh iad saor is gun bacadh orra.

As deidh Zep

Nuair a dh'eug Bonham, dhealaich an triùir mhaireannach, ag ràdh nach robh Led Zeppelin ann as aonais. Ach tha iad air thighinn còmhla ceithir tursan, airson a' chiad turas ann an 1985 airson Live Aid, airson 40 bliadhna de Clàran a' Chuain Siar, airson banais Jason Bonham, (Mac Bhonzo) agus nuair a chaidh an aontachadh mar bhuill de Thalla Cliù Rock agus Roll ann an 1992

Thàinig Page & Plant còmhla, as aonais John Paul Jones, ann an 1994 airson cuirm air MTV, air an robh Unledded agus rinn iad da chlàr, No Quarter ann an 1994 agus Walking into Clarksdale ann an 1998.

Clàran

  • Led Zeppelin I
  • Led Zeppelin II
  • Led Zeppelin III
  • Led Zeppelin IV
  • Houses of the Holy
  • Physical Graffiti
  • The Song Remains the Same
  • Presence
  • In Through the Out Door
  • Coda
  • BBC Sessions
  • How the West was Won

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Led Zeppelin Mar a chaidh an Siar a ghlèidheadhLed Zeppelin As deidh ZepLed Zeppelin ClàranLed Zeppelin Ceanglaichean a-machLed ZeppelinJimmy PageJohn Paul JonesRobert Plant

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

National Library of the Czech RepublicWikimediaGàidhlig meadhan na maraMinskIslamabad21 an t-Iuchar1998Co-aonta WarszawaGearradh-arm19 an Lùnastal1996Raon Ghàsa1970Aonadh RugbaidhTomás HerreraPotasiumKrakówGini-Bissau4 an Gearran18 an t-Samhain12 an DùbhlachdCànanan CeilteachAn DùbhlachdSileacon2 an CèiteanEalain-lèirsinneachFiosaigPàirc Nàiseanta YosemiteDùthchannan san Roinn Eòrpa7 an GibleanÉcole normale supérieureFànasColoimbiaPoblachd na SìneAn Rìbhinn (planaid)Na h-Iomaratan Arabach AonaichteAn Cogadh MòrPrìomh-DhuilleagCrìosdaidheachdCorp-eòlas651287AstràiliaEanchainnAm Manifesto ComannachKhabarovsk2008Dumha ÉigeAn LaitbheBall-coise AimearaganachFort Lauderdale, Florida19451989Bith-eòlas1937An Eilbheis334Anna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannRaibeart BurnsLa HabanaEl AaiúnTacoma, WashingtonLiam Neeson1846Ìosa CrìosdUruguaidhAonghas Caimbeul (Am Bocsair)DuitsisPàisteSudanÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte1470an19 an GearranGualuisg🡆 More