Murchadh Moireach

Bha Murchadh Moireach (1890-1964) ’na shaighdear agus ’na bhàrd Gàidhlig à Leòdhas.

Rugadh e ann an Sgìre Bhac agus bha athair na ghreusaiche. B' e Murdo Murray a bh’ air sa Bheurla. Chaidh e do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus bha e 'na dux ann an 1909. Fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1913. Ghabh e anns an arm ann an 1914. Nuair a bha e 'n sàs anns a' Chogadh Mhòr, bha e a' cumail leabhar-latha an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Nuair a thàinig crìoch air a' chogadh, bha e ag obair mar thidsear is an dèidh sin mar neach-sgrùdaidh airson sgoiltean.

Murchadh Moireach agus Iain Rothach

Bha Murchadh Moireach na charaid do Iain Rothach, bàrd Leòdhasach eile a bhàsaich anns a' Chogadh Mhòr. Sgrìobh Murchadh aiste air Iain Rothach a chaidh fhoillseachadh ann an Gairm (Àireamh 19, An t-Earrach 1957).

Iomraidhean

Tags:

18901964Am BacAn Cogadh MòrLeòdhasOilthigh Obar Dheathain

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

15 am FaoilleachCastelló (roinn)FiadhGàidhligPagastàn2014169521 an t-Ògmhios1470anPrìomh-DhuilleagLiosta dhaoine às a' ChuimrighGebzeAfragaGiùlanCanadaProbhaistJosé Vicente ConchaOAchd na Gàidhlig 200528 am MàrtAlbaJakarta1578Carles Puigdemont i CasamajóEacuadorlàrach-lìn633Làrach-lìnMatamataigearIntegrated Authority FileCoinneach I na h-AlbaDuais Nobel ann am Fiosaigs1876DealanAn Fhraing19mh Linn2019ChubutSòisealachd LibeirtèireachMonacoCastelló obh obhAimearaga a TuathTeicneòlasCogaidhean na CroiseEaglais Fhìor Ìosa1520FionnlannaisMississippi (abhainn)18 an GibleanOld FirmCroitearachd20241956SudanLiosta dhaoine à AlbaCuan SèimhBeàrnaraigh na HearadhVirginiaCian-chonaltradhPrìosanCailein T. MacCoinnichLucsamburg1960Raibeart I na h-AlbaHermann HesseEl SalbhadorRìgh Juan Carlos I na SpàinnePaul KarrerSvalbardRuaraidh MacFhionghain🡆 More