Bha Iain Rothach ( 10 Dùbhlachd 1889 - 16 An Giblean 1918) ’na shaighdear agus ’na bhàrd Gàidhlig, bho Shuardal ann an Leòdhas.
John Munro a bh’ air sa Bheurla ach sgrìobh e fon ainm Iain Rothach. Fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1914. Fhuair e am Military Cross anns a’ Chogadh Mhór ’s e a’ sabaid còmhla ris an 7mh Cath de na Sìobhortaich. Chaidh a mharbhadh trì làithean às déidh sin air 16 an Giblean 1918.
Iain Rothach | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Suardail, 1889 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Ploegsteert (en) , 16 dhen Ghiblean 1918 |
Nàdar a’ bhàis | death in battle (en) |
Foghlam | |
Cànain | Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Duaisean a fhuaras | |
Gnè ealain | bàrdachd |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Strì | An Cogadh Mòr |
Rugadh Iain "Beag" Rothach ann an 1889 ann an Suardail, Leòdhas, agus chaidh a thogail ann an Aiginis. Fhuair e foghlam ann an Sgoil a' Chnuic agus bha e 'na "pupil-teacher" anns an sgoil. A-rèir Murchard Moireach, a charaid, bha e glè mheasail air bàrdachd Shakespeare. Nuair a thàining rian nam pupil teachers gu crìoch, chaidh e do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh airson trì bliadhna. As dèidh do Rothach Sgoil MhicNeacail fhàgail, fhuair e MA bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1914 agus bha e airson a bhith na mhinistear. Nuair a thòisich An Cogadh Mòr, ghabh e anns an arm gun dàil. Bha e a’ sabaid còmhla ris an 7mh Cath de na Sìobhortaich, gu h-àraid anns an Fhraing. Fhuair e àrdachadh gu 2na morair-ionaid anns an Òg-Mhìos 1916. Choisinn e Crois a' Mhìlidh air an 13 An Giblean, 1918. Chaochail e air 16 An Giblean 1918 anns an Fhraing.
Nuair a bha Iain Rothach aig Sgoil MhicNeacail, chuir Àrd-cheann na sgoile, W. G. MacGileabairt (Gibson) co-fharpais bàrdachd air dòigh, agus bha Herbert Grierson, ollamh aig Oilthigh Obair Dheathain, na bhritheamh on taobh a-muigh. Rinn Iain Rothach ealaidh sa Bheurla ann an dubh-rannaidheachd air Eilean Leòdhais, agus thuirt Grierson gun chuireadh e iongnadh mòr air nan rugadh bàrd nas fheàrr ann an Leòdhas a-riamh.
Cha do mhair ach dòrnan beag de na dàin a sgrìobh e. Mhol Ruaraidh MacThòmais gu sònraichte dà dhiubh: "Ar Tìr, 's Ar Gaisgich a Thuit sna Blàir", agus "Air Sgàth nan Sonn". Thathar ag ràdh gur e Iain Rothach a' chiad bàrd Gàidhlig ùr-nòsach.
Ar Gaisgich a Thuit sna Blàir
S iomadh fear àlainn òg sgairteil,
ait-fhaoilt air chinn a bhlàth-chridh,
tric le ceum daingeann làidir,
ceum aotrom, glan, sàil-ghlan,
dhìrich bràigh nam beann mòra,
chaidh a choinneamh a’ bhàis -
tric ga fhaireach’ roimh-làimh -
a chaidh suas chum a’ bhlàir;
‘s tha feur glas an-diugh ‘fàs
air na dh’fhàg innleachdan nàmh,
innleachdan dhubh-sgrios an nàmh a chòrr dheth.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Iain Rothach, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.