Maighread Stiùbhart: Seinneadair Gàidhlig

'S e seinneadair Gàidhlig a th' ann am Maighread Stiùbhart (Beurla: Margaret Stewart).

Maighread Stiùbhart
Maighread Stiùbhart: Beatha, Seinn agus Ceòl, Iomraidhean
Beatha
Breith Col Uarach, 12 dhen Ògmhios 1956
Dùthaich Maighread Stiùbhart: Beatha, Seinn agus Ceòl, Iomraidhean Alba
Ciad chànan Gàidhlig
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair
Inneal-ciùil guth
Taigh-clàraidh Greentrax Recordings
margaretstewart.com

Beatha

Rugadh agus thogadh Maighread ann an Col Uarach, Leòdhas. 'S e Gàidhlig a' chiad chànan aice. Bha i a’ fuireach thall thairis airson pàirt dha beatha; ann a' Bhenesuèla, an Canada, ann an Qatar agus 's an Ear Mheadhanach.

Bha i ‘g obair air a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i mar phàirt den phrìomh sgioba a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba. Chleachd i tasglann na Sgoile airson iomadh òran a rannsachadh agus tha cuid dhiu sin am measg nan òran a tha i seinn air na trì chlàr aice: Fhuair mi Pòg, Colla Mo Rùn agus Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008).

Seinn agus Ceòl

Nuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre sa choimhearsnachd agus am measg an teaghlach aice. Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.

Tha i air a bhith seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Celtic ColoursTeamplaid:Fix/category[dead link] ann an Ceap Breatainn, Piping Live, Sgoil Samhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall. Tha i cuideachd air a bhith ag obair mar neach-teagaisg seinn agus na h-òraidiche aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig Sabhal Mòr Ostaig far am bi i cuideachd a stiùireadh cùrsaichean goirid air cultar dùthchasach, eachdraidh agus òrain Ghàidhlig. Bha i bho àm gu àm a' teagasg ann an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Ann an 2012, b' i Ceòladair na Colaiste a bh' innte aig Sabhal Mòr Ostaig.

Duaisean

Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 anns an Àrd Ruighe.

Chaidh duais 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna' a bhuilealchadh orra ann an 2008.

Clàran

  • Fhuair Mi Pòg (le Ailean Dòmhnallach) (1998) - CDTRAX132
  • Colla Mo Rùn (le Ailean Dòmhnallach) (2001) - CDTRAX217
  • Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008) - CDTRAX311

Na h-Aoigh air Clàran eile

Tha Maighread a' seinn cuideachd air iomadh clàr eile na h-aoigh agus air co-chruinneachaidhean.

  • Gaelic Women (Ar Cànan ‘s Ar Ceòl) (1999) - CDTRAX172
    • An t-Slige Chreachain
  • Òrain Nan Gàidheal - The Song Of The Gael - CDTRAX5008
  • The Best Of Scottish Music Vol 2 (Greentrax 15th Anniversary) (2001) - CDTRAX215
    • O Mhàiri 'S Tu Mo Mhàiri
  • The Music And Song Of The Great Tapestry Of Scotland (2012) - CDTRAX372D
    • Clann Dòmhnaill An Cogadh Rìgh Teàrlach
  • The Scottish Diaspora: The Music & The Song (2014) - CDTRAX380
    • Tha Mi Sgith 'n Fhogar Seo
    • Oran a Mhetaghama
    • Cuma do na Fearaibh
    • Ged Tha Mi Gun Chrodh Gun Aighean

TBh

Innsean an Iar (2013)

Òrain air a sheinn le Maighread airson an t-sreath TBh aig a' BhBC Innsean an Iar

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Maighread Stiùbhart BeathaMaighread Stiùbhart Seinn agus CeòlMaighread Stiùbhart IomraidheanMaighread Stiùbhart Ceanglaichean a-machMaighread Stiùbhart

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Eòlas-inntinnEabhraig Nuadh (baile)John F. KennedyFrédéric ChopinAn t-Seann ÈipheitBurgosCille MheàrnaigWinston ChurchillEachdraidh ShasainnSeumas V AlbaAstràilia1597PlátōnRoazhonBorgh (Siorrachd Chille Chuithbeirt)NepalNaomh PàdraigAn IapanDùn EideannNua-libearalasConaltradhTescoPoileataigsDeòrsa II, Rìgh Bhreatainn is ÈireannMisael Pastrana BorreroEasbaig12Cat809Ath-bheothachadh CànainDuine-uasalSasainn NuadhPaindeal27 am MàrtComunnachasBeyoncéA' ChomraichCecilia Payne-GaposchkinColoimbia MhòrPoblachdAn Innd-InnseBrestBananaAn Rìoghachd Aonaichte639TripoliMapaInbhir Àir1573SaidheansAstatainStamford, ConnecticutBuddhaWilmington, DelawareMichael Jackson292San Francisco22 am MàrtLàn-thoradh DùthchailAn Dàrna Cogadh1780anMarxachasBreichin2003Pablo PicassoDruim LèamalBadmantanBorriolDinnsearFeòilPàpa Leo XIIIMeatailt throm🡆 More