Duais Dhòmhnaill Meek

'S e duais litreachais a th' ann an Duais Dhòmhnaill Meek (Beurla: Donald Meek Award) a thèid a thoirt seachad turas gach bliadhna do theacsa ùr Gàidhlig mar bhrosnachadh do sgrìobhadairean Gàidhlig.

Chaidh a stèidheachadh ann an 2010 agus tha e fosgailte do theacsa sam bith sa Ghàidhlig nach eil ann an clò (le dòchas gun tèid am foillseachadh), air cuspair sam bith eadar bàrdachd, rosg is sgrìobhadh saidheansail. Tha an duais a' faighinn taic o Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail agus 's e Comhairle nan Leabhraichean a bheir seachad e.

Buannaichean

  • 2017: Chaidh trì duaisean a thoirt seachad san Dàmhair.
    1. Iain MacRath airson an dealbh-chluich Taigh Sheonachain. .Sin a’ chiad turas a chaidh a’ phrìomh dhuais gu leabhar drama.
    2. Eòghan Stiùbhart, Beum Sgèithe. A’ chiad chruinneachadh bàrdachd aige
    3. Mòrag Anna NicNèill à Barraigh, Èiginn Ùisdein. leabhar cloinne.
  • 2012: Moray Watson airson Bàrdachd Iain Mhic a’ Ghobhainn air 21 dhen Lùnastal ann an Dùn Èideann aig Fèill Eadar-nàiseanta nan Leabhraichean
    • Bha trì leabhraichean eile air an liosta ghoirid: Janet Grigor Mo Ghaol-sa a' Bhò; Pàdraig MacAoidh ⁊ Niall O'Gallagher Sùil air an t-Saoghal; Michael Bauer Rònan agus Ciorstag air a' Chroit
  • 2011: Maighread Challan airson Air Bilean an t-Sluaigh: Sealladh air Leantalachd Beul-aithris Ghàidhlig Uibhist a Tuath
    • Bha trì leabhraichean eile air an liosta ghoirid ann an 2011: Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain Steall à Iomadh Lòn; Rody Gorman Beartan Briste agus Dàin Ghàidhlig Eile; Anndra Dunn Còisir nan Gunna

Faic cuideachd

Tùsan

Tags:

BeurlaBòrd na GàidhligComhairle nan LeabhraicheanDòmhnall Meek

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Donald TrumpSvalbardGràmar na GàidhligAirmeiniaSeirbiaMohammed745Seumas VII Alba is II ShasainnBall-airmAgnostachdSiorrachd LannraigEòlas-bodhaigeBorriol20 an t-IucharSanta Cruz de TenerifeHollywood Walk of FameGregor Mendel18 an t-IucharUllapul1477ParasCalwAchd an AonaidhDealbh1867Felix Mendelssohn BartholdyNirribhidhOmicronAn t-Ar-a-mach GlòrmhorHoilmiumStockholmÀirneisGoillspidhAth-bheothachadh Cànain22 am MàrtWilliam Howard TaftBaile Naoimh Eòin, an Talamh ÙrBeurlaAlcarazLeedsAn Aghaidh MhòrPàipear-ballaRiaghaltasAntalopUachdaran na h-ÉireannBhiet-NamKobeTeàrlach MòrInnleadairCànan1782Friedrich von HayekAnn Arbor, MichiganA' Ghort MhòrPàpa Pòl VI4 an t-IucharSeanagalA' ChairtbheilCòbalt1550Giomach uisge2002Minneapolis, Minnesota1934An Cogadh MòrEalain-lèirsinneachLàn-thoradh DùthchailPeairtBugaAbhainn HebertTràilleachdMarcus Aurelius🡆 More