Ceòlas

ʼS e sgoil-chiùil agus chultair na Gàidhlig a th' ann an Ceòlas a tha ʼga cumail ann an Uibhist a Deas timcheall air Sgoil Dhalabrog gach bliadhna bhon a thòisich i ann an 1996.

Ach anns an latha an-diugh tha Ceòlas air fàs gu bhith ʼna Ceòlas Uibhist Earr., fear de na prìomh bhuidhnean chultar agus ealain na Gàidhlig ann an Albainn, a tha aʼ obair agus aʼ cur tachartasan air dòigh fad na bliadhna.

Ceòlas
Dalabrog

Tha Ceòlas stéidhichte air co-mheasgachadh de dhualchas nan Eileanan Siar, eadar òrain, cheòl, dhannsa agus chànan. Tha e aʼ cur cuideim air taisbeanadh agus oilean a tha aʼ comharrachadh agus agus brosnachadh dualchas Gàidhlig na sgìre, a bharrachd air cheanglaichean ri na Gàidheil thall thairis ann an Ceap Breatainn agus àiteachan eile. Thar fichead bliadhna tha e air pàirt chudromach a ghabhail ann an eaconomaidh Uibhist.

Tha Ceòlas freumhaichte ann an Uibhist a Deas, an sgìre as àirde cuibhreann de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Albainn (Cunntas-sluaigh 2011). Tha an ceòl ʼs an cànan fhathast làidir, agus tha Ceòlas aʼ cuideachadh riʼn comharrachadh agus riʼn caomhnadh. Tha Ceòlas mothachail gur e seo té de na sgìrean mu dheireadh ann an Albainn anns a bheil aʼ Ghàidhlig dha-rìreabh ʼna cànan coimhearsnachd, agus tha e a-nis air Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig a fhastadh gus an cànan a chur air adhart.

Duaisean

Chaidh Ceòlas ainmneachadh airson iomadh dhuais urramach, air sgàth na rinn e airson na coimhearsnachd agus an eaconomaidh ann an Uibhist:

  • MG Alba, Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna (Buannaiche 2008)
  • MG Alba & Daily Record Duaisean Eadar-nàiseanta na Gàidhlig, airson aʼ phròiseact EOST aig Ceòlas (Crìochaiche 2013)
  • Bòrd na Gàidhlig & Daily Record, Aʼ Ghàidhlig mar Bhuannachd dhan Eaconomaidh (Buannaiche 2014)

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh

Tags:

Uibhist a Deas

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Rubhanda1928An t-Aonadh EòrpachBeinn Mhòr AsaintAn EadailtDàin do EimhirMoldàibhiaBeurlaSeòlaid27 an DàmhairAn Innd-InnsePrìomh-DhuilleagSaidheansCarles Puigdemont i CasamajóIain LomGini Nuadh PhaputhachCròmiumColumbus, OhioJean CalvinFraingisTarragona (provincia)1300483WhangāreiAn Rèabhlaid AmeireaganachAmsterdamAn IapanLucía EtxebarriaNASAMaryland503FìobhaGòmastraDigital Object IdentifierJames WattUsbagastànMaltaHalafacsÈirinnCoilleAonadh-ciùirdCarbon dà-ogsaidNa Tìrean ÌsleInnis-TìlisEadailteachBrilleanInnleadaireachdFachabairPortoRònChiCogadhPàpa Iain Pòl IRecep Tayyıp ErdoğanA' Ghrèig ÀrsaidhSaskatchewanTràilleachdComhairle nan Eilean SiarSeoc an ReubainnearDùn ÈideannWikiLeaksFaclair Eachdraidheil na h-EilbheisSileadhBall-stèidheOilthigh Dhùn ÈideannTwitterÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteWarsaw🡆 More