Leabharlann Nàiseanta Na H-Alba

'S e leabharlann nàiseanta ann an Dùn Èideann, Alba a th' ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Leabharlann Nàiseanta Na H-Alba
Prìomh-thogalach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Stèidhichte 1925
Suidheachadh Edinburgh
Làrach-lìn https://www.nls.uk/

Tha e stèidhichte ann an grunn thoglaichean ann an Dùn Èideann leis a' phrìomh thogalach air Drochaid Seòras IV anns an t-seann bhaile. Chaidh togalach nas ùire a thogadh anns na 1980an air taobh a deas a' bhaile air Causewayside anns a bheil mapaichean, cruinneachaidhean saidheansail agus stòrasan a bharrachd.

Ann an 2016, dh'fhosgail Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Talla Cheilbhinn ann an Glaschu far am faighear tasglann de dh'fhilmichean.

Eachdraidh

Chaidh an Leabharlann Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1925 às dèidh Achd Phàrlamaid. Roimhe sin, b' e Leabharlann an Luchd-Tagraidh (Advocate's Library) an leabharlann a bha aithniche gu laghail mar leabharlann oifigeil. Dh'fhosgladh siud ann an 1689. An uair sin, fo Achd Còrach-lethbhreac (1710), chaidh inbhe 'leabharlann tasgaidh laghail' (legal deposit) le a bhuileachadh air. Tha siud a' ciallachadh gu bheil ceud aige leth-bhreac den a h-uile foillseachadh a thèid a chlò-bhualadh ann am Breatainn a ghabhail mar stòras nàiseanta.

Anns na 1920an, bha cosgaisean an leabharlainn ro mhòr do bhuidheann phrìobhaideach agus chaidh cruinneachaidhean an leabharlainn a chur gu buidheann ùr, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, fo Achd Phàrlamaid. Chuireadh air dòigh an leabharlann ùr le dìleab airgid luach £100,000 o Sir Alasdair Grannd (Alexander Grant) à Farrais.

Bho 1999 nuair a dh'fhosgail Pàrlamaid na h-Alba, tha an Leabharlann maonaichte le Riaghaltas na h-Alba.

Stòrasan

Tha còrr is 7 muillion leabhar, 14 muillion stuthan clò-bhuailte agus 2 mhuillion mapa aig an Leabharlann Nàiseanta. Anns a' chruinneachadh, tha leth-bhreac den Bhìoball Gutenberg, làmh-sgrìobhainn le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus litrichean le Charles Darwin.

Cruinneachaidhean Gàidhlig

Tha an cruinneachadh Gàidhlig as motha air an t-saoghail ann. Tha cuid de na leabhraichean Gàidhlig agus leabhraichean mun Ghàidhlig ri fhaighinn an asgaidh air-loidhne. 'S iad na cruinneachaidhean nach eil fo dhlighe-sgrìobhaidh (copyright):

Tha tasglann a' Chomuinn Ghàidhealaich cuideachd aig NLS agus tha pàirt dheth ri fhaicinn air-loidhne. Ged a tha pàirtean den tasglann fo dhlighe-sgrìobhaidh fhathast, faodar fhaicinn an asgaidh air-loidhne:

Gnìomhan-ionnsachaidh

Bidh an NLS a' cur làraich air dòigh anns a bheil stuthan ionnsachaidh air iomadh cuspair. Tha dà làrach le Gàidhlig aca:

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh

Tags:

Leabharlann Nàiseanta Na H-Alba EachdraidhLeabharlann Nàiseanta Na H-Alba StòrasanLeabharlann Nàiseanta Na H-Alba IomraidheanLeabharlann Nàiseanta Na H-Alba Ceanglaichean a-muighLeabharlann Nàiseanta Na H-Alba

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Lios MòrMinskRichard KuhnCórdoba, An SpàinnBìoballESchaffhausen (Kanton)19451833Faoileag1650anNa h-Eileanan SiarDi-Ardaoin19191320anCotonouBeurla1989Fòn-làimhDigital Object IdentifierSluagh-phoblachd na SìneMelillaAlfred NobelCarles Puigdemont i Casamajó1891Aibidil Eadar-nàiseanta Fogharach1500Còraichean daonnaFacal16mh LinnTony BlairAn Spàinn1906Uganda90Kalmar län1918An Argantain1887Loch LaomainnCaerswsSasainn NuadhOilthigh PhrincetonNa h-Iomaratan Arabach Aonaichte1816Eilean na Deasgabhalach1649Pàdraig DubhIain MacCoinnichLagh na h-AlbaTryggvi ÞórhallssonU200494818 an t-ÒgmhiosBliadhna13 an LùnastalAistidhean matha agus naidheachdan11 an Giblean1506BladeeFelidaeLodainn an IarHawaii2014Adolf Otto Reinhold WindausRoinn-tìdeBristol2002Pàipear-naidheachd1487ConfuciusBiadhLinn na DeigheAn t-ÒgmhiosT🡆 More