Rev. Dr. Alexander Irvine

B' e ministear, miseanaraidh agus sgoilear na Gàidhlig a bh' anns an Urr.

Dr. Alasdair Irbhinn (Beurla: Alexander Irvine) (1 Samhain 1773 - 31 Iuchar 1824).

Rev. Dr. Alexander Irvine
miseanaraidh

19 dhen Iuchar 1797 - 5 dhen Ghearran 1799
ministear

20 dhen Ghearran 1805 - 31 dhen Iuchar 1824
Beatha
Breith Fartairchill, 1 dhen t-Samhain 1773
Dùthaich Rev. Dr. Alexander Irvine Alba
Bàs Dùn Chailleann, 31 dhen Iuchar 1824
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chill Rìmhinn
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd ministear

Dh' fhuireach e ann an Dùn Chailleann Beag agus Ceann Loch Raineach.

Beatha

Rugadh e ann am Fartairchill, Siorrachd Pheairt, air 1mh dhen t-Samhain 1773, am pàiste a b’ òige a bh’ aig Seumas Irbhinn, tuathanach, agus a bhean Seònaid Mheinnearach.Fhuair e foghlam aig an sgoil ann am Fartairchill an toiseach agus an uair aig Oilthigh Chill Rìmhinn.

Air dha tilleadh a Fhartairchill na mhinistear, phòs e Seònaid ‘Jessie’ Stiùbhart, nighean Raibeart Stiùbhairt, 'Fear Ghairt', uachdaran ainmeil air a' Ghàidhealtachd.

Chaochail e ann an Dùn Chailleann air 31 Iuchar 1824.

Ministearachd

Às dèidh dha Cill Rìmhinn fhàgail ann an 1796, chaidh e na mhiseanaraidh gu Ceann na Tràgha, san Rois Mhuileach, anns an t-samhradh 1797.

Ann an 1799, chaidh e gu Ràineach mar mhiseanaraidh a-rithist. B' ann anns a' Ghearran, 1805, a chaidh a shuidheachadh mar mhinistear airson a' chiad uair ann an àite a bhreith, Fartairchill. Cha do dh'fhan e fada an-sin ged-tà, oir bho 1806, chaidh e na mhinistear ann am Baile a’ Mhuilinn. Dh'fhuireach e ann gus an do chaochail e.

Anns an Iuchar 1812, chaidh dotaireachd Diadhachd a bhuileachadh air le Oilthigh Dhùn Èideann.

Litreachas na Gàidhlig

Nuair a bha e fhathast òg, ghlac litreachas na Gàidhlig aire. Sgrìobh e gun do thòisich e rosg is bàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh nuair a bha e dusan bliadhna a dh'aois. Fad dà bhliadhna deug air fhichead, rannsaich e a' Ghàidhlig airson tlachd.

Chruinnich Irbhinn seann bhàrdachd; nam measg bàrdachd le Sìleas na Ceapaich agus Iain Lom agus ’s e na cruinneachaidhean bàrdachd an dìleab a bu mhaireannaiche a bh’ aige. B' fhearr leis seann bhàrdachd agus sgrìobh e gun robh e airson ‘sealltainn dè cho barraichte ’s a bha na seann bhàird an taca ris an fheadhainn a lean nan dèidh'.

Buaidh air Sgrìobhadh na Gàidhlig

Thug Irvine comhairle dhan Urr. Dr. Alasdair Stiùbhairt airson an dàrna dheasachadh den leabhar gràmair Elements of Gaelic Grammar (1812).

Còmhla ris an Urr. Dr Alasdair Stiùbhairt, thug e comhairle do Alasdair MacLabhrainn airson an leabhar a sgrìobh MacLabhrainn dha na sgoiltean, An Ceud Leabhar a chum Leughadh na Gaelic a theagasg do Chloinn nan Gael (1811).

Connspaid leis an Urr. Dr Thomas Ross

Anns na 1820an, bha deasbad ann an Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba mun eadar-theangachadh a thugadh air a' Bhìoball. Sgrìobh Irvine agus an t-Urramach Dr Thomas Ross iomadh litir dhan Inverness Journal ag argumaid mun chùis.

Sgrìobhaidhean

  • Irvine, Alexander. 1801. Prospectus of a work to be intitled The lives of the Caledonian bards (Edinburgh: Printed by C. Stewart and Co.) (pdf. ri fhaicinn aig NLS)
  • Irvine, Alexander. 1811. An inquiry into the discipline of the Church of Scotland (Perth)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

  • Hogg, U., 2011. 'The Life and Papers of the Rev. Dr. Alexander Irvine', Scottish Gaelic Studies 28, d.97-174.

Iomraidhean

Tags:

Rev. Dr. Alexander Irvine BeathaRev. Dr. Alexander Irvine MinistearachdRev. Dr. Alexander Irvine Litreachas na GàidhligRev. Dr. Alexander Irvine SgrìobhaidheanRev. Dr. Alexander Irvine Sgrìobhaidhean mu a dheidhinnRev. Dr. Alexander Irvine IomraidheanRev. Dr. Alexander Irvine1 an t-Samhain1773182431 an t-IucharMiseanaraidh

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1996Star WarsCian-chonaltradhCùba2060anNick Griffin1545Banca ShasainnRubhandaBaile a' ChipBiblioteca Nacional de EspañaToni MorrisonÈirinn (eilean)UsbagastànTutankhamunBerneAm Manifesto Comannach1867Barium2011778CoimpiutaireachdLos AngelesSacsafòn1898DubaiPaul KrugmanAndrés Pastrana ArangoBathar-cruaidhCòmhdhailLeòmhannLaideannPop1456An RòimhParisEadar-lìonPunnd Sasannach1950Albert EinsteinBliadhna-leumDealan-spèid21mh LinnBudapest1975Bertrand RussellModesto, CalafòrniaCreideamhBogotá2018Eun22 an GibleanCuan na h-ÈireannTelebhiseanFoghlamAshgabatDomingo Caycedo SantamaríaSeumas VII Alba is II ShasainnDeuteronomi10 an t-Ògmhios800Cathair na BhatacainMarie Antoinette750Tokyo620anAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is Èireann2020CroitearachdAn Rìoghachd AonaichteNa h-Eileanan Fàro2 an CèiteanDonald TrumpAn t-IucharInnealBreug🡆 More